The Scotsman

Mar a chuidichea­s sinn na h-eòin ’s na h-iseanan

-

THA cuimhn’ agam mar bhiomaid a’ togail neadan nan curracag ás an rathad nuair bhiomaid a’ treabhadh ’s a’ cliathadh. Cuiridh i an ìre gu bheil i air a leòn le sgiath bhriste gus daoine a thàladh air falbh, ach ma chluinneas i urchair neo ma chì i duine le gunna, falbhaidh i mar an dust. Tha an seanfhacal ag radh, “Is sealgair math a mharbhas curracag.”

’S fhada o bha tuathanaic­h agus croitearan a’ coimhead a mach son eòin bheaga, ach tha e coltach anis gu bheil an àireamh a’ crìonadh. Chan eil an druid agus an gealbhonn cho pailt ’s a b’ àbhaist. Bidh a’ phioghaid agus an clamhan a’ creachadh nan neadan, agus leis cho cumhachdac­h ’s a tha innealan àiteachais, chan eil e cho furasta dhan chroitear a bhith furachail. Cha bhi iad a’ gearradh an fheòir gu deireadh an Iuchair son gum bi cothrom aig eòin bheaga dhol air an iteig agus teicheadh bho na huidheaman. Agus bidh iad a’ tòiseachad­h air gearradh ann am meadhain pàirce.

Thòisich Comann Dìon nan Eun ’s an Riaghaltas air airgead a thoirt do chroiteara­n son leithid feansa a chur timcheall air lòn far am bi eòin a’ snàmh. Fàgaidh iad pìosan air iomall iomaire, far a bheil feur fada agus sealastair, son an traoin. Bidh coillteara­n, nuair a bhios iad a’ gearradh nan craobh, a’ stob son spiris.

Cuiridh eòin air an dùthaich ùine seachad a’ deanamh neadan. Gheibh iad clòimh, còinneach agus eile, ach chan eil e cho furasta sna bailtean. Tha an RSPB ag ràdh ma dh’fhàgar an sgudal ann am bagaichean nan innealan sguabaidh anns a’ ghàrradh gum bi e ’na chuideacha­dh. TORMOD E DÒMHNALLAC­H fàgail feadhainn ’nan eòin a bhios air an

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom