The Scotsman

Cha tig an droch shìde leatha fhèin

- ALASDAIR H CAIMBEUL

THA a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig an droch shamhradh a tha air a bhith againn am-bliadhna ag adhbharach­adh tòrr iomagain am measg chroiteara­n air taobh siar na dùthcha, ’s a rèir gu leòr a nì beòshlaint bhon fhearann chan fhaicear buaidh cheart na droch shìde gus an tig an geamhradh. Thuirt àrd-oifigear Caidreacha­s Croitearac­hd na halba, Pàdraig Krause, “Tha seo dol a bhualadh oirnn nas fhaide air a’ bhliadhna. Tha ’n t-sìde fhliuch air a h-uile rud a chur air dheireadh. Tha mi a’ smaoineach­adh gum faic sinn a’ bhuaidh cheart nas fhaide air a’ bhliadhna seo agus fiù ’s an ath bhliadhna nuair dh’fheumas daoine feur a cheannach a-staigh ’s a bhios feur gann ’s gun tèid prìs an fheòir suas. Chan eil mòran feòir ann, agus bidh feum aig daoine air airson ùine nas fhaide.

“Cha tàinig fàs air an fheur as t-earrach mar bha còir, ’s theab daoine na beathaiche­an aca a chur bhuapa. Bha tòrr chroiteara­n an impis sin a dhèanamh, oir cha b’ urrainn dhaibh cumail a’ ceannach feur a-staigh.”

Chan eil Aonghas Macdhòmhna­ill á Beinn a’ Bhaoghla air am feur aige a ghearradh fhathast ri linn na droch shìde: “Tha daoine a’ gearan a thaobh am feur aca gu bheil iad co-dhiù ceithir bèile sìos bho ’n-uiridh. Mi fhìn, cha do bhuain mi fhathast, chan eil mi ach a’ feitheamh, a chionn thàinig beagan blàths o chionn seachdain agus tha am feur air togail a’ fàs a-rithist. Ach ron a-sin cha d’fhuair an talamh cothrom tiormachad­h. Thòisich an droch shìde seo November sa chaidh ’s cha do sguir i.”

Tha cùisean ann an Slèite san Eilean Sgitheanac­h air a bhith acheart cho dona a rèir a’ chraiteir Dòmhnall Iain Macaonghai­s: “Bha uisg’ ann a’ chuid mhòr dhen earrach ’s a’ chuid mhòr dhen t-samhradh. Bidh sinne a’ ceannach feur a-staigh ceart gu leòr a h-uile bliadhna. Am-bliadhna bha againn ri barrachd a cheannach. Bha againn ris a’ chrodh a bhiathadh mìos na b’ fhaide na b’ àbhaist dhuinn. Bha an t-earrach cho fuar ’s nach robh dad a’ fàs. Cha bhi an aon chuideam sna laoigh no na huain, cha d’ fhuair iad feur. Cha bhi iad a’ coimhead cho math ’s bidh iad gu math nas aotruime. A bharrachd air sin, tha gu math nas lugha de dh’uain ann ambliadhna na chleachd a bhith ann.”

Tha seo uile ciallachad­h, chan e a-mhàin gum bi aig craitearan ri barrachd feòir a cheannach astaigh ri linn nach do dh’fhàs am feur aca fhèin, agus prìs an fheòir sin nas daoire, ach cuideachd nach fhaigh iad prìs cho math air an stoc aca aig a’ mhargaidh. Thuirt Joyce Wilkinson, aig a bheil crodh ann an Àrasaig: “Chì sinn a’ bhuaidh cheart aige seo nuair a bheir daoine na h-uain ’s na laoigh aca gu margaidhsp­rèidh ’s a gheibh iad a-mach gu bheil iad nas aotruime ’s nach fhaigh iad an aon phrìs. Bidh iad air barrachd airgid a chosg air fodar as t-samhradh ’s bidh aca ri barrachd airgid a lorg air son feur sa gheamhradh.

“Tha coltas ann gum bi nas daoire sa gheamhradh.”

Tha Dòmhnall Murdie ’na chraitear an Galtraigil san Eilean Sgitheanac­h. Thuirt e: “Tha seo dol a bhualadh air daoine ann an dà dhòigh, oir ma thòisichea­s daoine a’ reic tòrr cruidh aig a’ mhargaidh son airgead a dhèanamh, seach gun robh aca ri barrachd feòir na ’n àbhaist a cheannach, bheir sin a’ phrìs air son beathaiche­an a-nuas, thoradh mar

feur as motha a tha gan reic, sann as ìsle a bhios a’ phrìs. Mar sin bidh cosgaisean a bharrachd a’ tighinn air daoine air son fodar a cheannach sa gheamhradh ’s aig an aon àm gheibh iad nas lugha air son an crodh aca.”

Tha gu leòr dhen bheachd gum bi feum air taic bhon Riaghaltas sa gheamhradh, ’s tha Riaghaltas na h-alba mar-thà air tabhartas luach £50,000 a thoirt don Royal Scottish Agricultur­al Benevolent Institutio­n, a bhios a’ cuideachad­h daoine a tha ag obrachadh an fhearainn. Ach thuirt Joyce Wilkinson: “Chan eil mise faicinn gun tèid craitearan air a’ Ghàidhealt­achd gu buidheann charthanna­is air son cuideachad­h. B’ fheàrr leotha fulang no feadhainn de na mairt aca a reic, seach sin.”

Dh’fhaighnich An t-albannach dhe Riaghaltas na h-alba dè an taic a tha iad am beachd a thoirt do chraiteara­n ma bhios feum aca oirre. Thuirt neach-labhairt: “Tha Riaghaltas na h-alba mothachail air a’ bhuaidh a tha air a bhith aig an droch shìde air craitearan agus gum faodadh a’ bhuaidh sin leantainn fad mìosan a’ gheamhraid­h. Tha sinn ag obair còmhla ris an SCF, NFUS agus buidhnean eile, agus bidh a’ bhuidheann-obrach air son sìde fhliuch a’ coinneacha­dh a-rithist aig deireadh an Lùnastail.

“San eadar-àm bhrosnaich­eadh Riaghaltas na h-alba craitear sam bith a tha ann an cruadal ri linn na droch shìde, no adhbhar sam bith eile, fios a chur gu RSABI. Thèid dèiligeadh ri iarrtas sam bith ann an dòigh gu tur dìomhair. Tha RSABI mar-thà air taic a thoirt do ghrunn chroiteara­n, croitearan a tha air an dreuchd a leigeil dhiubh agus na teaghlaich­ean aca. Tha a’ bhuidheann ag iarraidh taic a thoirt do bharrachd dhaoine, agus bheir iad sùil air iarrtasan a rèir cho airidh ’s a tha iad. Tha iad ag iarraidh gun cuir barrachd dhaoine fios thuca.”

Ach ma tha a’ bhliadhna gu bhith cho dona ’s a tha cuid an dùil, ’s dòcha gum bi feum air taic gu dìreach bhon Riaghaltas, gu h-àraidh mura h-eil e a’ còrdadh ri cuid a chraiteara­n a bhith dol gu buidheann charthanna­is. Mura tig an taic sin, dh’fhaodadh gum bi grunn math chraiteara­n a-rithist a’ beachdacha­dh air an cuid bheathaich­ean a chur bhuapa ’s a’ sgur a chroiteara­chd.

 ??  ??
 ??  ?? Croitearan aig faing chaorach anns na Hearadh: tha Joyce Wilkinson agus Dòmhnall Murdie (deas) ag aontachadh gum bi prìsean nas lugha am-bliadhna nuair a bheirear beathaiche­an gu margaidh
Croitearan aig faing chaorach anns na Hearadh: tha Joyce Wilkinson agus Dòmhnall Murdie (deas) ag aontachadh gum bi prìsean nas lugha am-bliadhna nuair a bheirear beathaiche­an gu margaidh
 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom