The Scotsman

Dòmhgan agus creideamh

- Á MÀILEID A’ PHUIST

TEANTA mór ann an Charlotte Square aig àm tea a-raoir. Pacte, blàth, làn cloinne le’m pàrantan. Air an dara taobh dhiom, màthair òg a theab cur a-mach (uill, sin a thuirt i) nuair thòisich an gaisgeach caol air an àrd-ùrlar, Chris Bradford – e uil-aodaicht’ ann an dubh ’s aghaidh falaicht’ air cùl masga dhuibh – a-mach ann am Beurla air na gheibheadh Ninja math de chuirp air a chlaidheam­h le aon sàr bhuille ’s mar shlaodadh e an claidheamh air ais asta. Air an taobh eile dhiom, brogach beag mu dheich bliadhna dh’aois a theab sgàineadh le ainmein dusan uair gu dhol suas a ghabhail pàirt anns na dùbhlain a bha an cruth dubh a’ tabhann. Gu mì-fhortanach bha an cruth dubh a’ taghadh nam pàistean (shaoil mise) aig an robh de thùr a thighinn aodaichte mar Ninjas iad fhéin. Bha mo chridhe a’ sileadh air a shon, ach cha do ghearain e. Cridhe Ninja bh’ aigesan, gun teagamh.

Cuideachd air an àrd-ùrlar bha Màiri Kidd agus Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, a leugh caibideala­n á Ninja: A’ Chiad Dùbhlan, sgrìobhte le Bradford agus eadar-theangaich­te le Dòmhnall Uilleam; agus Abigail Burnyeat, a chum smachd air cùisean anns an dà chànan.

Bha seo uile ’na fhearas-chuideachd cloinne den chàileachd a b’ àirde, taing do dh’fhéis Leabhraich­ean Dhùn Éideann ’s dhan bhuidhinn ùir “Cuilean Craicte”, a tha a’ deanamh na h-uiread gus “leughadh Gàidhlig son tlachd” a bhrosnacha­dh – se a’ ghairm aca “craicte mu leughadh”.

Bha muinntir a’ Chuilein air recipe sgoinneil a lorg air son Gàidhlig a thoirt air adhart, ’s tha mi an dòchas gun gabh rudeigin coltach ri “Chris Bradford ann an Ninja: A’ Chiad Dùbhlan” fhaicinn air feadh na Gaidhealta­chd., oir tha e a’ ceangal Gàidhlig ri rudeigin a tha cho cool ’s gu bheil e a’ cur clann fiadhaich, mar a bha follaiseac­h. Bha sitichean air an toirt a-mach le Beurla an dà chaibideil, ach cha robh feum aig an dàrna cuid màthair neo brogach orra.

Bidh sinne a’ léirmheasa­dh Ninja: A’ Chiad Dùbhlan agus leabhraich­ean eile bho Chuilean Craicte an ceann goirid. Ach fuirich oirbh – ceithir cuirp air aon chlaidheam­h? B’ eòlach Cù Chulainn agus Fionn againne air . . . RAGHNALL MACILLEDHU­IBH SAN lèirmheas agaibh air an leabhar D.M.N.C. (Disathairn­e, 8mh Iuchar) bha na leanas fon cheann Creideamh: “’S fheudar gun do dh’atharraich Dòmhgan a bheachd air creideamh eadar 1917, an uair a sgrìobh e an dàn cràbhach ‘An Duradan Duslaich’ . . . agus 1924, an uair a sgrìobh e ann an ‘Litir Dhachaidh’ nach ‘eil ann an creideamh ach faoineis . . . seadh, bruadar dhaoine gun eòlas gun saor-bheachd gun chomas reusonacha­idh’.”

Mar a tha Aonghas Macleòid ag ràdh san ro-ràdh aige, tha Dòmhnall Mac na Ceàrdaich (Dòmhgan) air a bhith bruidhinn mun dòigh sa bheil luchdfoghl­aim, san t-saoghal sa bheil e beò, nam beachd fhèin làn de dh’eòlas dhen h-uile seòrsa. Tha Dòmhgan a’ sgrìobhadh mun deidhinn ann an dòigh car aoireil, sgaiteach. Tha na h-“eòlaichean” fiosrachai­l mun h-uile rud – ach mu Dhia. ’S iadsan a tha ag ràdh ris an t-sluagh nach eil ann an creideamh ach faoineas. Chan e Dòmhgan fhèin a tha ga ràdh. Bu chòir sin a dhèanamh soilleir.

LISA STOREY

 ??  ?? Fearas-chuideachd cloinne den chàileachd a b’ àirde: Bradford
Fearas-chuideachd cloinne den chàileachd a b’ àirde: Bradford

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom