’S i Alba a tha gu bhith aig cridhe a’ chiùil thall ’s a-bhos ann an 2017
Le Fèis Chiùil Ghlastonbury a-nise seachad agus, ged nach eil sinn buileach air aimsir an t-samhraidh fhaicinn an lànfhollais, tha fios gun toir deagh cheòl togail don chridhe ge bith dè an aimsir a bhios ann! Tha BBC ALBA gu bhith thall ’s a-bhos aig fèisean ciùil, an toiseach aig tachartas a tha air a bhith na phàirt chunbhalach de chlàr samhraidh BHBC ALBA: Fèis Belladrum. Bidh Fiona Niccoinnich agus Niall Iain Dòmhnallach aig ceann phrògraman thar thrì oidhcheannan aig toiseach an Lùnastail bhon fhèis air Oighreachd Bheala-drum, faisg air a’ Mhanachainn, far am bi cothrom aca coinneachadh is bruidhinn ris an luchd-ciùil, agus thèid iomadh sealladh iongantach agus tàlant air leth fhaicinn agus a thoirt thugaibh.
Oidhche Dhiardaoin bidh Sister Sledge agus Feeder againn agus, oidhche h-aoine, ’s iad dithis às an t-suain, First Aid Kit, a bheir thugainn òrain ùra, agus nan dèidh thig The Pretenders far comhair. Chan iongnadh e gu bheil an cuid òran a’ toirt seachad blas bho Chrissie Hynde agus aithnichear na h-òrain tharraingeach chlasaigeach, ach bidh na h-òrain chiùin a cheart cho drùidhteach.
Air oidhche Shathairne bidh prògram dà uair a thìde ann, le Frank Carter and the Rattlesnakes, K T Tunstall agus, aig an deireadh, bidh an còmhlan air am bi sinn uile a’ feitheamh, Franz Ferdinand, le cuirm-ciùil air leth. Tha Alex Kapranos fhathast aig an stiùir agus bidh iad a’ cluich òrain ùra agus òrain ainmeil, a leithid “Take Me Out”, a ràinig ìre 3 ann an clàr-ciùil na Rìoghachd Aonaichte.
Chan e sin uireas, ge-tà, oir tha Hannah Mckirdy agus Iain Beggs deimhinn gum feum iad cabairneachd, fealla-dhà is ’s dòcha fiù beagan mì-mhodh a lorg airson nam meadhanan sòisealta. Cuide ri Niall Iain, Hannah agus Iain, bidh Fiona air chuairt am measg an t-sluaigh agus an luchd-ciùil, a’ toirt dealbhan Instagram thugainn agus ìomhaighean do sheirbheisean air-loidhne agus don telebhisean.
Beagan làithean às dèidh Bhelladrum, thall tarsaing a’ chuain bidh BBC ALBA a’ tadhal air fèis a tha cha mhòr cho aosta ri Glastonbury fhèin. Tha e 47 bliadhna bho thòisich Fèis Cheilteach Lorient agus ‘s i an fhèis as motha de leithid san Roinn Eòrpa. Bidh i a’ tachart gach bliadhna ann am baile Lorient ann an ceann an ear-thuath na Frainge thairis air deich latha san Lùnastal agus bidh 800,000 de shluagh, luchd-ciùil agus luchd-tadhail a’ faighinn cothrom èisteachd ri ceòl às gach ceàrnaidh Cheiltich.
Mar dhearbhadh nach eil crìochan air ceòl, tha cridhe na fèise ag amas air Alba am-bliadhna le Lorient a’ taisbeanadh ar cultar is ar ceòl tradaiseanta, agus bidh BBC ALBA an làthair airson na ciad uair. Bidh Julie Fowlis agus Ailean Dòmhnallach a’ toirt thugainn dà phrògram às a’ Bhreatainn Bhig anns am faigh luchd-amhairc blasad math de cheòl is cultar na sgìre fhèin, còmhla ris a’ chòrr. Tha e iomchaidh gur i Julie a bhios gar stiùireadh tron fhèis oir chan e seo a’ chiad uair aice anns a’ bhaile agus, a bharrachd air a sin, tha an fhèis gu bhith a’ sealltainn “Brave”, film cliùiteach anns an cluinnear ceòl is guth eireachdail Julie. Tha Ailean Dòmhnallach tàlantach mar neach-ciùil agus fear-togail dhealbhan agus air a bhith air a bhogadh ann an ceòl fad a bheatha. Còmhla, soillsichidh an dithis aca ceòl is cultar na sgìre dhuinn agus cuiridh iad eòlas air caraidean ciùil ùra aig an aon àm.
Bidh Julie agus Ailean am measg gu leòr de na seann eòlaichean cuideachd, ‘s a h-uile coltas gu bheil coimhearsnachd ciùil na h-alba uile air cuireadh fhaighinn dhan Bhreatainn Bhig am-bliadhna. A-mach às an 30 còmhlan, seinneadair is luchd-ciùil a bhios ann an Lorient tha suas ris a’ cheathramh cuid dhiubh a’ tadhal air an fhèis à Alba fhèin.
Chan ann nan tàmh a bhios iad sin a bharrachd le cuirmean is cèilidhean a’ dol bho 10 uair gach oidhche gu uairean beaga na maidne an ath-là. Bidh luchd-amhairc BHBC ALBA eòlach air gu leòr den luchd-ciùil, le Runrig, Capercaillie, Blazin’ Fiddles agus Breabach a’ siubhal gu Lorient thar Chaolas Shasainn am-bliadhna. Tòisichidh na h-albannaich an fhèis le cuirm a tha ga cur air dòigh le Fèis Hebcelt agus, beagan làithean as dèidh sin, bidh Dòmhnall Seathach aig an stiùir airson cuirm Oidhche Mhòr na h-alba.
Bidh sinn an dòchas gun seas Lorient ri ionnsaigh chiùil na h-alba, agus bidh cothrom ann an samhradh aig Julie agus Ailean sa Bhreatainn Bhig fhaicinn air BBC ALBA nas fhaide air adhart dhen bhliadhna, a’ chiad phrògram air 24 Sultain agus an dara fear air 1 Dàmhair.
lach, roimhe sin, cuimhnichibh air Belladrum air 3 Lùnastal aig 9.30f, agus air 4-5 Lùnastal aig 9.00f, air BBC ALBA.