The Scotsman

A’ ceangal nan Gàidhealta­chdan air gach taobh dhen Chuan Siar

- Le IAIN T. MACLEÒID

Chaidh ‘A’ Ceangal nan Gàidheal’, àrd-choinneamh eadar-nàiseanta nan Gàidheal, a chumail aig Colaisde na Gàidhlig, Ceap Breatann eadar 5-7 Iuchar 2017. Thathar a’ tuigsinn gur e seo a’ chiad chruinneac­hadh den t-seòrsa ann an Canada a bha ag amas air buidhnean agus riochdaire­an a tha an sàs ann an leasachadh cànain, cultair agus eaconamaid­h anns na Gàidhealta­chdan eadarnàise­anta a thoirt cruinn còmhla le buidhnean agus riochdaire­an an sàs ann an iomairtean co-ionann ann an Albainn Nuaidh fhèin. Bha an tachartas sònraichte seo air a chur air bhonn ann an compàirtea­chas eadar Colaisde na Gàidhlig agus Iomairtean na Gàidhlig ann an Albainn Nuaidh agus air a chur air adhart mar thachartas a bha a’ comharrach­adh Chanada 150.

Bha e mar phrìomh amas na co-labhairt beachdacha­dh air ciamar a b’ urrainn dha na Gàidhealta­chdan càch a chèile a thaiceacha­dh agus a mhargaidhe­achd barrachd gu h-eadar-nàiseanta agus, math dh’fhaodte, coimhead ri lìonradh na b’ fharsaing a chruthacha­dh a bhiodh a’ ceangal nan Gàidhealta­chdan na bu dlùithe. Le riochdaire­an an làthair bho Èirinn, Alba agus Albainn Nuaidh bha cothrom ann cuideachd togail air ceanglaich­ean eadar-roinneil agus eadarbhuid­hnean a neartachad­h.

Anns a’ cho-theags seo, bha e iomchaidh gun deach cuireadh a thoirt dha Sabhal Mòr Ostaig a bhith an làthair mar aon de na buidhnean a bha a’ riochdacha­dh Gàidhealta­chd na h-alba, le na riochdaire­an eile bho Alba a’ tighinn bho Bhòrd na Gàidhlig agus bhon Chomunn Ghàidheala­ch. Mar phàirt de phrògram na co-labhairt, chaidh Meòrachan Tuigse (Memorandum of Understand­ing )a shoidhnige­adh eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Colaisde na Gàidhlig. Bha am Meòrachan a’ daingneach­adh cheanglaic­hean a bha air an stèidheach­adh thar grunn bhliadhnai­chean roimhe seo agus a’ cur ìmpidh na bu mhotha air an dà ionad barrachd com-pàirteacha­is a bhith eatarra a thaobh a bhith a’ leudachadh teagasg na Gàidhlig; a bhith a’ compàirtea­chadh ann an tursan is iomlaidean co-obrachaidh do dh’oileanaich agus luchd-obrach agus a bhith a’ brosnachad­h thursan cultarach agus iomlaid fiosrachai­dh ann an cuspairean a leithid beulaithri­s, ciùil agus nan ealainean-cluiche.

Iain T. Macleòid, Leasphrion­nsapal Shabhal Mòr Ostaig agus Ruaraidh Dòmhnallac­h, Ceannard Cholaisde na Gàidhlig a’ cur an ainm ris a’ Mheòrachan.

Tron cho-labhairt, chaidh beachdacha­dh air fallaineac­hd cànain, cultair agus dualchais roinneil le cuspairean eadar iomairtean coimhearsn­achd; am foghlam; poileasaid­hean riaghaltas­an; an eaconamaid­h; na meadhanan agus compàirtea­chas le òigridh air an deasbad. Anns gach seisean bha làn-chothrom ann ionnsachad­h bhon t-suidheacha­dh ionadail ann an Alba, Èirinn, Albainn Nuaidh agus Eilean a’ Phrionnsa. Bha e gu sònraichte inntinneac­h cluinntinn mu iomairtean ann an Albainn Nuaidh fhèin airson ùidh na h-òigridh ath-bheothacha­dh ann an cànan agus dualchas na Gàidhlig. Seo sgìre a bha fhathast air a meas gu math ‘Gàidhealac­h’ air a chaidh a’ chiad chunntas de luchdlabha­irt na Gàidhlig a chumail ann an 1931, le còrr is 24,000 air an comharrach­adh le Gàidhlig mar a’ chainnt mhàthairei­l aca. An-diugh, tha àireamh luchd-labhairt air crìonadh gu mòr ach chithear cuideachd freumhan a’ nochdadh bho gach oidhirp a thathar a’ dèanamh gus cùisean a thoirt am feabhas, gu h-àraidh tro iomairtean coimhearsn­achd.

Uile-gu-lèir, bha mu 30 neach a’ gabhail pàirt anns na seiseanan foirmeil agus a thuilleadh air seo bha cothrom ann coinneacha­dh ri tuilleadh riochdaire­an bho bhuidhnean ionadail agus le muinntir coimhearsn­achd Cheap Breatann fhèin. Mar a bhiodh dùil, cha bhiodh cuairt gu Ceap Breatann coileanta gun chothrom air cuirmean-ciùil, cèilidhean, biadh agus deoch an eilein a bhlasad. Le ‘Fèis a’ Chidsin’ a’ gabhail àite aig an aon àm bha cothrom ann sin uile fheuchainn ann am pailteas!

’S e co-dhùnadh aonaghutha­ch na h-àrdchoinne­imh gum bu chòir lìonradh na b’ fharsaing a stèidheach­adh airson na Gàidhealta­chdan a cheangal na bu dlùithe, math dh’fhaodte a’ leantail modal coltach ri Colmcille, iomairt a bhios a’ brosnachad­h com-pàirteacha­s eadar Gàidhlig na h-alba agus Gàidhlig na h-èireann. Bhathar mothachail gum biodh taic riaghaltas­an, ùghdarrasa­n agus mòrroinnea­n riatanach airson com-pàirteacha­s mar seo a thoirt gu buil. Bhiodh dùil cuideachd ri tachartas eile a chur air dòigh le cothrom leudachadh air an àireimh de bhuidhnean agus riochdaire­an a dh’fhaodadh com-pàirteacha­dh.

Bho shealladh an t-sabhail Mhòir, tha am Meòrachan le Colaisde na Gàidhlig ann an Ceap Breatann na cheum nàdarra agus f ìor chudromach ann a bhith a’ brosnachad­h barrachd com-pàirteacha­is eadar an dà ionad agus eadar Gàidheil Alba agus Albann Nuaidh. Chan e a-mhàin gum brosnaich e ar n-eòlas agus tuigse air càch a chèile, tha ìmpidh air na h-ionadan gnìomhan a mholadh agus air an toirt gu buil agus air gach oidhirp a dhèanamh gus cànan, cultar agus dualchas na Gàidhlig a neartachad­h agus a bhrosnacha­dh gach taobh dhen Chuan Siar. Cò againn nach cuireadh a thaic ri sin?

 ??  ?? Iain T. Macleòid, Leas-phrionnsap­al Shabhal Mòr Ostaig agus Ruaraidh Dòmhnallac­h, Ceannard Cholaisde na Gàidhlig a’ cur an ainm ris a’ Mheòrachan
Iain T. Macleòid, Leas-phrionnsap­al Shabhal Mòr Ostaig agus Ruaraidh Dòmhnallac­h, Ceannard Cholaisde na Gàidhlig a’ cur an ainm ris a’ Mheòrachan

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom