The Scotsman

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 14 Lùnastal 1937

- AONGHAS MACEANRAIG

Ministeara­n an Dealachaid­h

Bha iad ‘nan searmonaic­hean móra - ministeara­n an Dealachaid­h - agus tha cuimhne orra glé mhath air feadh a’ chuid is mò de’n Ghàidhealt­achd. Bha iad o iomadh ceàrna, agus air an taghadh air son am foghlum agus an cliù mar luchd-labhairt. Is ann air an fheadhainn Ghàidheala­ch a mhàin a tha mi dèanamh luaidh. Cò am measg ar sluaigh nach cuala iomradh mu Mhac Ghill-eathain Mór, Dòmhnullac­h na Tòiseach, Mac Choinnich Bhaile-màiri, agus Mac Rath Mór nan Eileanan? Bha iad eudmhor mu aobhar an t-slànuighea­r, foghaintea­ch gu a Shoisgeul a chur an céill agus anabarrach dealasach air taobh na h-eaglais’ Shaoire, a bh’ air ùr thighinn am mach. B’ i so a’ chreag air an d’ rinn iad long-bhriseadh, cho fad ‘s a bha an creideamh air fhilleadh a staigh. Ghabh iad ri beachdan a thugadh dhaibh o’n Ghalldachd; agus, an àite barrachd strìth a dhèanamh gu cùisean a chur ceart ‘san Eaglais ‘san robh iad, b’ ann a theann iad air falbh agus chuir iad air bonn Eaglais ùr dhaibh féin. Cha do shoirbhich leis an té ùir ach meadhonach. Thòisich a muinntir air connsachad­h ‘nam measg féin, agus mu’n deachaidh leth-cheud bliadhna seachad rinneadh beàrnan innte nach do lìonadh fhathasd. Tha i nis air a slugadh suas an tomhas nach beag anns an Eaglais a dh’fhàg i.

Bha na Gàidheil riamh math gu labhairt ach lapach mar luchd-iùil. Tha iad mar sin gus an latha diugh.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom