The Scotsman

Am Bile mu chor nan eilean: chan obraich beairt-fhighe gun iteachain

- Le ALASDAIR H. CAIMBEUL

Nuair a chuir na trì Ùghdarrasa­n Ionadail eileanach iomairt air chois ann an 2013, ‘Ar n-eileanan ri Teachd’, bha tòrr mì-chinnt ann a thaobh bun-reachd Bhreatainn agus na h-alba agus dè bha a’ dol a thachairt. Bha Reifreann air Neoeisimei­leachd air fàire, agus bha Comhairlea­n Arcaibh, Shealtainn agus nan Eilean Siar ag iarraidh gum biodh guth muinntir nan eilean air a chluinntin­n san deasbad air cùisean riaghlaidh na dùthcha.

Ged nach do bhòt muinntir na h-alba airson neoeisimei­leachd ann an 2014, lean an iomairt aig na h-eileanaich airson barrachd cumhachd aig ìre ionadail taobh a-staigh a’ bhun-reachd a th’ ann. Mar thoradh air an iomairt aca, thug Riaghaltas na h-alba Bile nan Eilean a-steach do Phàrlamaid na h-alba air 9 Ògmhios 2017. Tha Comataidh na h-eaconamaid­h Dùthchail is Cheanglaic­hean aig a’ Phàrlamaid air a bhith a’ sireadh bheachdan air a’ Bhile agus ’s e Diluain 25 Sultain an ceann-latha airson beachdan a chur thuca.

A rèir Riaghaltas na h-alba, tha am Bile “a’ toirt a-steach grunn chumhachan a bhios nan cùl-taic don cheannuidh­e aig an Riaghaltas gun dèanar cinnteach gum bi obair leantainne­ach ga dèanamh air feadh an Riaghaltai­s agus na roinne poblaiche a tha ag amas air a bhith a’ frithealad­h air feuman nan coimhearsn­achdan eileanach san latha an-diugh agus san àm ri teachd.”

Am measg nam prìomh chumhachan sa Bhile, tha dleastanas a thèid a chur air Ministeara­n na h-alba agus buidhnean poblach eile gus ealla a ghabhail ri feuman nan eilean san obair aca agus nuair a bhios iad a’ stèidheach­adh phoileasai­dhean no sheirbheis­ean ùra. Cuideachd, tha am Bile ag iarraidh air Riaghaltas na h-alba Plana Nàiseanta nan Eilean a dhealbh agus a chur an gnìomh. Tha cumhachan a’ Bhile a’ cur dìon air sgìre-pàrlamaid nan Eilean Siar agus a’ feuchainn ri dèanamh cinnteach gum bi sgìrean eileanach nas fheàrr air an riochdacha­dh le comhairlic­hean ionadail. Tha e cuideachd a’ toirt cumhachd do Riaghaltas na h-alba gus sgeama ceadachd a stèidheach­adh, ma gheibh iad iarrtas bho ùghdarras ionadail, a thaobh obair a thèid a dhèanamh sa mhuir faisg air costa nan eilean.

Air a’ chiad sealladh, tha coltas ann gum bi am Bile a’ neartachad­h suidheacha­dh nan eilean gu mòr. Ach gus an tig tuilleadh fiosrachai­dh mhionaidic­h air dè an seòrsa Plana nan Eilean a gheibhear, agus gus am faicear dè na ceumannan a ghabhas buidhnean poblach is an Riaghaltas gus ealla a ghabhail ri feuman is suidheacha­dh nan eilean, chan eil e follaiseac­h dè am feum a nì am Bile aig a’ cheann thall.

Tha Bile nan Eilean mar a tha i an-dràsta mar bheairt ach, gus am faic sinn pàtran a’ chlò, cha bhi fios againn dè thig às a’ bheairt seo. Mar a tha am Bile ag ràdh, thèid am Plana a dhealbh às dèidh don Bhile aonta fhaighinn; agus tha na cinn-uidhe a thathar a’ moladh airson a’ Phlana sa Bhile gu math farsaing. Tha an t-aon rud f ìor gu ìre a thaobh cho farsaing ’s a tha na cumhachan a tha a’ feuchainn ri piseach a thoirt air beatha muinntir nan eilean. Dè na slatantomh­ais a bhios ann airson a bhith a’ measadh na buaidhe a bhios aig poileasaid­hean is seirbheise­an ùra air eileanan?

A bharrachd air a bhith a’ toirt guth dha na h-eileanan, b’ ann mu dheidhinn barrachd cumhachd a bha an iomairt ‘Ar n-eileanan ri Teachd’, ach an tig barrachd cumhachd bhon Bhile mar a tha e an-dràsta? Tha e doirbh dhòmhsa fhaicinn gun tig bhon Bhile fhèin, oir ged a bhios am Bile a’ toirt air an Riaghaltas agus buidhnean poblach eile aire a thoirt do chùisean eileanach, ach chan eil fhios a’m am bi sin a’ toirt cumhachd do na h-eileanan. Ach ’s dòcha gun tig cumhachd à reachdas is poileasaid­hean eile mar An Achd airson Cumhachd do Choimhears­nachdan agus atharraich­ean air Oighreachd a’ Chrùin ann an Alba. No ’s dòcha gun tig bho phoileasai­dhean air an toir am Bile buaidh.

’S iomadh dleastanas a th’ air buidhnean san roinn phoblaich, ach ’s e ceist eile a th’ ann cia mheud de na dleastanas­an sin a bhios iad a’ coileanadh gu ceart. Cuideachd, tha na h-eileanan, ’s dòcha barrachd air àite sam bith eile san Rìoghachd Aonaichte, a’ tighinn fo sgàil Bhrexit agus nan iomadh ceist a tha fhathast rim freagairt a thaobh sin.

Nuair a thòisich an iomairt ‘Ar n-eileanan ri Teachd’, bhathar a’ faicinn cothrom an lùib neoeisimei­leachd gus barrachd cumhachd a thoirt do na h-eileanan. Ach, ged nach deach atharracha­dh a thoirt air bun-reachd na dùthcha, tha an cumhachd sin fhathast a dhìth orra. Tha ceist ann le Bile nan Eilean an tig barrachd cumhachd dha-rìribh do na h-eileanan, no am bi e mar bheairt gun iteachain. An-dràsta tha coltas ann gu bheil tòrr an urra ri deagh-ghean nam buidhnean poblach agus an Riaghaltai­s agus nach eil an iomairt gus cor nan eilean a dhìon seachad. l Tha an léirmheas seo ga fhoillseac­hadh ann an co-bhuinn ris a’ Chomann Rìoghail Cheilteach www.royalcelti­csociety.scot

 ??  ?? Tha am Bile ag amas air barrachd smachd a thoirt do dh’ùghdarrasa­n eileanach air dè na leasachaid­hean a thèid air adhart sna h-uisgeachan faisg orra, leithid nan crann-gaoithe aig muir gu h-àrd, fo sgeamaiche­an ceadachd.
Tha am Bile ag amas air barrachd smachd a thoirt do dh’ùghdarrasa­n eileanach air dè na leasachaid­hean a thèid air adhart sna h-uisgeachan faisg orra, leithid nan crann-gaoithe aig muir gu h-àrd, fo sgeamaiche­an ceadachd.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom