The Scotsman

Air sgèith – a’ bìdeadh an ubhail as fheàrr air a’ mheangan as àirde

-

Mar iomadh neach eile a fhuair breith is àrach anns na h-eileanan, bha mi eòlach air a’ bhàta-aiseig bho ‘s cuimhne leam. Air ais ’s air adhart à Steòrnabha­gh ’s an Tairbeart gu tìr-mòr, làn aoibhneis air na bha romhainn air ar làitheansa­ora.

Ach, nuair a bha mi naoi bliadhna a dh’aois, thachair rud a thug buaidh mhòr orm. Bha mi air mo bheò-ghlacadh nuair a sgèith mi às a’ phortadhai­r ann an Steòrnabha­gh gu Inbhir Nis airson na ciad uair: a’ faighinn aoigheachd coltach ri bànrigh, an t-astar, na seallaidhe­an … agus bha mi air mo ghlacadh aige bhon latha sin! Tha mi air a bhith fortanach gun robh cothrom agam a bhith a’ siubhal ann an diofar phlèanaich­ean, beag is mòr, air feadh an t-saoghail bhon uair sin. Ach ge be càite an robh mi mar neach-siubhail, bha mo shròn a’ cur dragh orm, saoil dè a bha a’ dol air adhart air cùl ghnothaich­ean.

Nar n-òganaich, ’s tric a chluinnead­h sinn “ubhal a’ bhìgis” nuair a dh’ fhaigh niche adhsinncei st. Ach, gu fortanach, nuair a tha thu a’ riochdacha­dh phrògraman telebhisei­n, ma tha do shròn a’ cur dragh ort, ’s e rud math a tha sin! Ghabh BBC ALBA ris an tagradh againn airson sreath de dh’ochd prògraman mu phuirtadha­ir na Gàidhealta­chd ’s nan Eilean an-uiridh, agus abair gun robh mi air mo dhòigh. Bha fèill mhòr air an t-sreath agus, an t-seachdain seo fhèin, tha an dàrna sreath de “Puirtadhai­r (Highland Airports)” a’ dol a-mach air BBC ALBA, eadar seo agus meadhan na Samhna.

Dhomh fhìn, b’ e coinneacha­dh ris an luchdobrac­h aig na puirt-adhair agus na daoine a bhios a’ sgè it hair sonspòrsa’ chui dab’ fheàrr dheth. Tha an t-uabhas de sgeulachda­n agus tursan inntinneac­h mun cuairt, agus daoine làn dìorrais.

A leithid Marshall Wishart, pìleat aig Port-adhair Thingwall far am bi plèana a’ sgèith gu Eilean Fara agus Eilean Fughlaigh. Tha an taigh aige dìreach ri taobh a’ phuirtadha­ir agus cha robh càil eile air aire ach a bhith na phìleat ag obair a-mach à Tingwall bho bha e na bhalach. Bha e ag obair air na crainn-ola gus an d’ fhuair e an cothrom a chead-pìleat fhaighinn, agus tha e a-nise air an amas aige a choileanad­h.

Lean sinn diofar dheugairea­n agus iad a’ tòiseachad­h air an t-slighe gu bhith a’ sgèith. Anns a’ chiad phrògram (a th’ air iplayer a’ BHBC an-dràsta) tha Francesca a tha ceithir bliadhna deug a dh’aois a’ faighinn leasan aig Club Glaidhdear na Gàidhealta­chd. Ach cha robh càil a dh’fhios aice dè a bha roimhpe nuair a dh’ionnsaich i ciamar a dhèanadh i car a’ mhuiltein. Tha na camarathan beaga a leithid Gopro air saoghal mòr fhosgladh dhuinn nuair a tha sinn a’ clàradh itealan a’ sgèith, agus tha sinne còmhla rithe a h-uile diog fhad ’s a tha i bunos-cionn.

Aig Port-adhair Dhùn Dè, choinnich sinn ri ceathrar dheugairea­n aig Tayside Aviation a fhuair sgoilearac­hd bhon RAF airson cùrsa fad ceala-deug, feuch am biodh iad comasach air itealan a làimhseach­adh. Bha e math a bhith ag èisteachd ris na h-oidean agus iad a’ mìneachadh agus a’ breithneac­hadh. ’S e dìreach aon dhen cheathrar a rinn a’ chuis air sgèith na aonar air an latha mu dheireadh dhen chùrsa. Abair gun robh gàire air a ghnùis. ’S math a rinn e!

Agus ’s dòcha nach eil microlight freagarrac­h dha neach sam bith a tha teagmhach anns an adhar seach gu bheil na suidheacha­in fosgailte. Ach, ma sheasas do stamag ris, chan eil dòigh nas fhèarr ann air seallaidhe­an àlainn fhaicinn bho shuas. Chan eil Jordan ach còig bliadhna deug ach tha e letheach-slighe gu bhith a’ sgèith na aonar. Tha sinne ga leantainn dha na speuran agus e ag ionnsachad­h an tionndadh teann cas a dhèanamh.

Lorg sinn fear ann an Siorrachd Obar Dheathain a thog a phlèana fhèin. Thàinig an Eurofox à taobh sear na Roinn Eòrpa ann am pìosan agus chuir Nick Macleòid ri chèile iad. Ghèarr e am feur air an achadh air cùl an taighe aige agus, le sin, bha raonadhair aige air an stairsich – a’ dearbhadh gum faodadh do phlèana fhèin a bhith agad air prìs càir mhòir.

Ged as ann a’ sgèith airson turas a ghabhail no airson spòrs, chan eil teagamh nach eil miann mhic-anduine a bhith san iarmailt cho làidir an-diugh ’s a bha e a-riamh. Coma leat ubhal a’ bhìgis – ’s ann a tha an t-ubhal as fheàrr air a’ mheangan as àirde. lpuirt-adhair a’ leantainn air BBC ALBA gach Diluain aig 8:30f.

 ??  ?? Francesca aig Club Glaidhdear na Gàidhealta­chd le neach-oide Robert Tait
Francesca aig Club Glaidhdear na Gàidhealta­chd le neach-oide Robert Tait
 ??  ?? Jordan aig Club Microlight East Fortune ann an Lodainn an Ear
Jordan aig Club Microlight East Fortune ann an Lodainn an Ear

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom