The Scotsman

Ma thèid slaic a thoirt air a’ Ghàidhlig, tha sinn uile air ar leòn

- Le CEIT FHOIRBEIS

’S e urram a bh’ann dhomhsa am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2017 fhosgladh gu h-oifigeil an-raoir ann an Loch Abar.

Ann an 1959, sgrìobh Calum Macilleath­ain, a bha a’ faicinn an saoghal ag atharracha­dh timcheall air, anns an leabhair aige “The Highlands”:

“It was in Glen Roy I found the only Gaelic speakers in Lochaber under 40 years of age… With Glen Roy, a language, a culture, a civilisati­on passes into oblivion.”

Chan eil teagamh ann gun do dh’fhuiling a’ Ghàidhlig iomadach buille chruaidh anns na bliadhnaic­hean bhon a chaidh sin a sgrìobhadh.

Ach an-diugh, ann an Loch Abar agus na sgìrean mu thimcheall, tha sinn a’ faicinn ath-bheothacha­dh ann an iomadh dòigh: le na Fèisean, na h-iomairtean Gàidhlig, a’ bhun-sgoil Ghàidhlig, ionadan Ghàidhlig, ceòl Ghàidheala­ch agus gu dearbha na Mòdan.

Anns an ùine a dh’fhalbh, bhiodh e àbhaisteac­h do chuid a bhith a’ crìochnach­adh sgoil gun fiù’s facal Ghàidhlig aca, neo nas miosa buileach, comas am facal fhèin a’ ràdha. Gus seo a sheachnadh, bu chòir a h-uile sgoil a bhith a’ smaoineach­adh mu mar tha a’ churraicea­lam aca a’ làimhseach­adh a’ Ghàidhlig – fiù’s aig ìre mothachaid­h.

Tha sinne a fhuair na cothroman a tha a’ tighinn an cois foghlam Ghàidhlig fada an comain gach fear is tè a rinn spàirn as ar leth agus as leth na Gàidhlig.

A bharrachd air gràmar agus matamataig­s, thug Gàidhlig dhuinn sealladh eile air ar saoghal agus tha e na dhleastana­s dhomh a bhith ga dìon.

Ro thric, chan eil na tha a’ nochdadh sna pàipearan naidheachd mun Ghàidhlig f ìor neo cothromach.

Tha Poileas Alba a-nis a’ cleachdadh Gàidhlig san ìomhaigh aca ri taobh a’ Bheurla agus Laideann. Ach ann an cuid a phàipearan naidheachd ’s i a’ Ghàidhlig seach Laideann a fhuair càineadh airson a bhith, mas fhìor, marbh.

Nam bheachdsa, bu chòir dhuinn uile ar guthan a thogail nuair a leughas sinn pìos a tha a’ dèanamh dìmeas air a’ Ghàidhlig. Ma thèid slaic sam bith a thoirt air a’ Ghàidhlig, tha sinn uile air ar leòn.

Tha rannsachad­h Iomairt na Gàidhealta­chd a’ sealltainn gu bheil luach £148.5m anns a’ Ghàidhlig do dh’eaconamaid­h na h-alba gach bliadhna. Tha sin mìorbhaile­ach. ‘S e sgeulachda­n mar seo as ‘s fhiach dhuinne a bhith ag innse.

Tha mi gu mòr a’ creidsinn gu bheil an cuibhle a’ tighinn mun cuairt, agus tha am Mòd na phàirt luachmhor den seo. Cumaibh oirbh a’ cumail suas bratach na Gàidhlig. Ceit Fhoirbeis, BPA airson an Eilein Sgitheanna­ich, Loch Abar agus Bhàideanac­h

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom