The Scotsman

Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ togail bratach na Gàidhlig ann an Loch Abar

- Le ALASDAIR H. CAIMBEUL

Tha sgìre Loch Abar gu bhith a’ cur thairis le Gàidheil agus bidh cultar agus ceòl na Gàidhlig gu mòr am follais ann an dùthaich nan Abrach san t-seachdain a tha romhainn agus am Mòd Nàiseanta Rìoghail air tilleadh dhan sgìre 10 bliadhna às dèidh an turais mu dheireadh a chaidh a chumail ann.

Chaidh am Mòd fhosgladh a-raoir sa Ghearasdan le caismeachd nan lòchran agus cuirm sa bhaile far an robh Ceit Fhoirbeis BPA agus Iain Swinney BPA, am Ministear airson na Gàidhlig, an làthair. Mar phàirt de dh’iomall a’ Mhòid thèid ‘Iomain Cholmcille a Deich’ a chumail an-diugh, tachartas iomain bliadhnail far am bi cluicheada­irean iomain à Alba agus cluicheada­irean iománaíoch­t à Èirinn a’ farpais an aghaidh a chèile agus Gàidhlig no Gaeilge aig a h-uile duine aca. Cuideachd an-diugh tha cothrom ann cuairt a ghabhail a-muigh agus ionnsachad­h mu phlanntrai­s is dearcan a ghabhas ithe, òraid mu chamanachd a chluinntin­n le Ùisdean Macillinne­in agus cothrom air trèanadh ann an Uicipeid na Gàidhlig.

A’ coimhead air adhart ri Mòd na bliadhna sa, thuirt Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidheala­ich, Iain Moireasdan, “Tha mi a’ smaoineach­ainn gum bu chòir dhuinn a bhith a’ sùileachad­h tachartas a tha gu math càirdeil, faisg agus dòigheil. Tha mi a’ smaoineach­ainn gur e sgìre air leth math a th’ ann an Loch Abar airson cruinneach­adh de Ghàidheil. Tha an Gearasdan fhèin math, tha e làn de dh’àiteachan-fuirich agus tha goireasan matha ann. Tha na h-àireamhan a th’ againn am-bliadhna air leth fallain agus tha sinn a’ dèanamh toileachas mòr ri sin. Bidh seachdain air leth againn, tha mi cinnteach.”a rèir Mhgr Moireasdan, a bharrachd air a bhith na chothrom cruinneach­aidh dha na Gàidheil, tha am Mòd cuideachd a’ toirt cothrom dhaibh cànan is cultar na Gàidhlig a chur air adhart agus ùidh a dhùsgadh am measg dhaoine sa chànan.

“Tha sinn air mothachadh gu bheil dùsgadh air a bhith ann am measg nan coimhearsn­achdan timcheall air a’ Ghearasdan agus dùsgadh am measg dhaoine aig nach robh ùidh ’s dòcha ann an rudan Gàidhlig o chionn ùine mòire. Rud eile a thug toileachas mòr dhuinn am-bliadhna ’s e gun do dh’obraich sinn gu math tràth sa bhliadhna còmhla ri Fèisgoil agus chaidh an luchdobrac­h againn agus an luchdobrac­h acasan a-steach dha na bun-sgoiltean gu lèir ann an Loch Abar. Nuair a chaidh iad a-steach dha na sgoiltean, chuir iad umhail air mar a bha an sluagh sna sgìrean air atharracha­dh. Bha na Gàidheil an ìre mhath air falbh, agus bha daoine gun Ghàidhlig air tighinn a-steach. Rud a tha air tachairt ann an tòrr choimhears­nachdan Gàidhlig. Bha tuigse air a’ Ghàidhlig agus air a’ Mhòd air tuiteam gu mòr.

Lean Mgr Moireasdan air, “Rud a tha na thoileacha­s dhuinn, ’s e gu bheil a h-uile sgoil bheag a tha sin a’ cur còisir a-steach gu Mòd na bliadhna seo, a leithid Bunsgoil Cheann Loch Lìobhann. Cho fad ’s a tha fios agamsa, cha robh còisir Ghàidhlig riamh aig an sgoil sin. Tha mi a’ smaoineach­ainn gu bheil faisg air deich còisirean òigridh a bharrachd againn am-bliadhna na bh’ againn bliadhnaic­hean eile.”

Thuirt Mgr Moireasdan gun deach tòrr obair ullachaidh a dhèanamh gus dèanamh cinnteach gun soirbhiche­adh le Mòd na bliadhna sa, agus thuirt e gun robh na h-àireamhan de dh’fharpaisic­h air a dhol an-àirde gu mòr.

Mhìnich Mgr Moireasdan, “Tha an àireamh de dh’fharpaisic­h againn thairis air na bliadhnaic­hean air a bhith suas is sìos faisg air 3,000 farpaiseac­h, eadar 2,900 agus 3,100. Ach, am-bliadhna, tha sinn air a dhol thairis air 3,600. Tha sinn toilichte mu dheidhinn sin, ach tha duilgheada­s ann cuideachd, oir feumaidh sinn barrachd thallaiche­an a lorg, feumaidh sinn barrachd bhreitheam­han is stiùbharda­n fhaighinn agus tha sin a’ ciallachad­h gu bheil barrachd cosgais ann. Mar sin, tha sinn toilichte mu dheidhinn, ach bha againn ri tallaichea­n a lorg sa h-uile oisean den bhaile.”

A bharrachd air na farpaisean fhèin, bidh prògram loma-làn a’ dol air Iomall a’ Mhòid am-bliadhna a-rithist. Mar a shaoileadh sibh, tha ceangal làidir aig grunn de na tachartasa­n ri Loch Abar fhèin, le bùth-obrach air ainmeanàit­e na sgìre, òraid leis a’ chraoladai­r Abrach, Ùisdean Macillinne­in, agus Uicipeid is Leabharlan­n Nàiseanta na h-alba a’ toirt sùil air Loch Abar. Tha bùth-obrach leughaidh gu bhith ann, foillseach­adh ‘Oor Wullie’ sa Ghàidhlig agus cuirm-chiùil le òrain is ceòl aig a bheil ceangal ri nàdar.

Mun àm seo an athsheachd­ain, bidh mòd eile seachad. Saoil dè an dìleab a dh’fhàgas tachartas mòr nan Gàidheal, agus an lean buaidh a’ Mhòid san sgìre? Le bun-sgoil Ghàidhlig sa Chaol, tha bun-stèidh ann. Ach bidh tuilleadh taice is brosnachai­dh a dhìth ma tha cànan is dualchas nan Gàidheal a’ dol a thighinn am feabhas a-rithist ann an Loch Abar.

Tha an t-artaigil seo ga fhoillseac­hadh ann an co-bhuinn ris a’ Chomann Rìoghail Cheilteach www.royalcelti­csociety.scot

 ??  ?? Caismeachd nan Lòchran aig toiseach a’ Mhòid san Òban 2015. Chaidh Mòd Loch Abar fhosgladh a-raoir le caismeachd tron bhaile.
Caismeachd nan Lòchran aig toiseach a’ Mhòid san Òban 2015. Chaidh Mòd Loch Abar fhosgladh a-raoir le caismeachd tron bhaile.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom