The Scotsman

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 23 Dàmhair 1937

-

Ceidheacha­n Gàidhealac­h

Tha feum air tuillidh cheidheach­an air feadh na Gàidhealta­chd agus nan Eileanan, ach chan eil fiughair riutha gu ceann iomadh latha. Tha na cumhachdan a th’ ann a’ diùltadh feadhainn ùra thogail no ’n t-seann fheadhainn a chàradh a chionn nach eil móran tathaich air na puirt far am bheil an sluagh ’gan sireadh.

Bha uair is bha lamraigean aig a’ phobull iad féin a bha freagarrac­h air son bhàtaichea­n beaga. Cha dèan iad so an gnothach an diugh, oir tha luingis na’s motha ag iarraidh gu cladach agus is còir ullachadh a dhèanamh air an son. Faodar a ràdh nach fada bhios feum air bàtaichean­smuid’ idir a chionn gu’m bheil an fheadhainn athair a’ dol a thighinn gu bhi cumanta. Tha e glé choltach gu’m bheil sin f ìor, ach théid móran ùine seachad mu’n tig e air a chois. Cosdar am pailteas airgid ri aobharan eile nach eil idir cho rathail do’n t-sluagh, ach m’a bheirear iomradh air ceidheacha­n chan fhaighear ach freagairt an doichill. Tha e duilich do mhuinntir a’ bhaile-mhóir a dhèanamh am mach ciamar a tha muinntir na Gàidhealta­chd a’ faighinn air an aghaidh gun ghoireasan de’n t-seorsa so, ach is mor a nì ’n éiginn, agus m’a tha sinn a dhìth cheidheach­an a b’ fheàirrd sinn chan eil sinn a dhìth céill’ is faidhidinn.

Thig an latha ’sam bi a’ Ghàidhealt­achd air dheagh chàramh a thaobh shochairea­n coitcheann. Mar is luaithe is ann is feàrr.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom