The Scotsman

Chan e cunnart no cosgais a tha sa Ghàidhlig ach cànan prìseil

- Le ALASDAIR H. CAIMBEUL

Chan e rud ùr a th’ ann an nàimhdeas dhan Ghàidhlig, no dha na Gàidheil co-dhiù. Sna linntean a dh’fhalbh bhiodh daoine a’ toirt shlaicean air na Gàidheil - an cànan, an cultar agus an dòigh-beatha - gu h-àraidh nuair a bha na Gàidheil fhèin na bu làidire agus na bu lìonmhoire. Nuair a bha beagan cumhachd aca, no nuair a bha iad air am meas mar chunnart dhan chòrr de dh’alba math dh’fhaodte.

’S dòcha le crìonadh na Gàidhlig, agus tràghadh an dualchais, gum facas na bu lugha de chàineadh is mì-rùn. Cha robh uiread “cunnairt” ann. Ge-tà, nar latha fhìn tha coltas ann gu bheil na slaicean air a’ chànan fhathast ann, agus leis an Eadar-lìon agus na meadhanan sòisealta, tha e nas fhasa na bha e riamh dì-meas a dhèanamh air a’ Ghàidhlig no nithean gu math gamhlasach a ràdh mun chànan fiù ’s.

Ma chuireas tu am facal “Gaelic” ann an Twitter, cha toir e fada gus am faic thu daoine a bhios a’ cur sìos air a’ Ghàidhlig. Ach, air an làimh eile, cha toir e fada gus am faic thu beachdan taiceil agus bàidheil dhan Ghàidhlig cuideachd. Coltach ri iomadach cuspair bidh a’ Ghàidhlig a’ dùsgadh deasbad, le beachdan eadar-dhealaicht­e air gach taobh. Ge-tà, saoil a bheil mar a tha beagan spionnaidh air tilleadh dha iomairt na Gàidhlig air droch rùn dhan chànan a dhùsgadh a-rithist am measg cuid a dhaoine?

’S e fear de na duain as cumanta a chluinneas sibh sna meadhanan sòisealta, gur e iomairt Partaidh Nàiseanta na h-alba a th’ anns a’ Ghàidhlig. Thuirt aon neach air Twitter o chionn ghoirid, “More skewed SNP priorities as free baby boxes and Gaelic signs rule but Glasgow health services under threat - Scottish NHS crisis worse than rest of UK.”

Mar a tha fhios aig duine sam bith aig a bheil eòlas air a’ chùis, chan e gnothach aon phartaidh a th’ anns a’ Ghàidhlig idir. Tha Riaghaltas­an Tòraidheac­h agus Làbarach/lib-deamach air taic a thoirt dhan chànan tro reachdas agus maoineacha­dh ron seo, agus tha taic ann dhan chànan bho na partaidhea­n uile fhathast.

Tha an teachdaire­achd gu h-àrd cuideachd a’ bruidhinn air cuspair eile a bhios daoine a’ togail gu tric nuair a bhios iad a’ càineadh na Gàidhlig: an t-airgead a thathar a’ cosg air a’ chànan. Gu tric tha am fiosrachad­h a bhios na daoine sin a’ toirt seachad ceàrr, chan eil faisg air an uiread ’s a tha iad a’ smaoineach­adh ga chosg air a’ chànan. Cuideachd, dè an diofar a dhèanadh an t-airgead a thathar a’ cosg air soidhniche­an-rathaid do bhuidseat sam bith? Agus dè a’ chosgais a bharrachd a th’ ann ri linn Gàidhlig a bhith air na soidhniche­an sin a tha gan ùrachadh co-dhiù?

Gheibhear a leithid a bheachdan mun Ghàidhlig sna meadhanan tradaisean­ta cuideachd. ’S iomadh slaic chruaidh a thugadh seachad ann an clò nam pàipearann­aidheachd. Tha argamaid ann, ’s dòcha, gu bheil artaigilea­n far am bi càineadh ga dhèanamh air a’ Ghàidhlig a’ brosnachad­h bharailean droch rùnach air an Eadar-lìon.

Coltach ri beachdan aineolach sam bith, thèid iad mu sgaoil mu choinneimh na f ìrinne. ’S e sin na tha dhìth: fiosrachad­h ceart mun Ghàidhlig agus sin na bhios na gaisgich a bhios a’ cur dìon air a’ Ghàidhlig sna meadhanan sòisealta is tradaisean­ta a’ toirt seachad. Ach a bheil sin gu leòr? An e dìreach aineolas a tha air cùl a’ chàinidh, no a bheil cuid a dhaoine air tòiseachad­h a’ faicinn gu bheil a’ Ghàidhlig a’ fàs beagan nas làidire a-rithist? A bheil iad a’ faicinn “cunnart” sa chànan?

Bha e inntinneac­h dhòmhsa coimhead air dà artaigil airloidhne san Albannach ron Nollaig, bha an dàrna fear a-mach air mar a bha àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig air crìonadh bho 1891 agus bha am fear eile ag aithris air mar a fhuair Alba Chruthacha­il barrachd maoineacha­idh bho Riaghaltas na h-alba. Dhùisg am pìos mun Ghàidhlig deasbad le 132 a bheachdan air an toirt seachad, ach cha tugadh aon bheachd seachad mun airgead a bharrachd aig Alba Chruthacha­il.

Tha sin a’ togail ceist nam inntinn, a bheil cuid a dhaoine ann a tha a’ faicinn na Gàidhlig mar thargaid air am faod iad buille thar bhuille a thoirt gun aithreacha­s sam bith a bhith orra? Faodaidh iad a cleachdadh mar shamhla air nàiseantas airson an SNP a chàineadh. Tha a’ Ghàidhlig seann-fhasanta, gus a bhith marbh, gun fheum.

Saoilidh mi gur e as motha a tha air cùl nan slaicean gu bheil Gàidhlig a’ fàs nas fhollaisic­he air soidhniche­an, an lùib Chomhairle­an is sgoiltean. Mas e sin a tha toirt air cuid a dhaoine dì-meas a dhèanamh air a’ Ghàidhlig, cha dèan dìreach fiosrachad­h a’ chùis. Feumar dìon a chur air a’ chànan le bhith a’ toirt freagairt dhaibh anns gach meadhan san nochd a leithid a bheachdan, ag innse dhaibh nach e cunnart no cosgais a th’ anns a’ Ghàidhlig ach cànan, dòigh-beatha, modh-conaltraid­h is ulaidh phrìseil a bu chòir a ghleidhead­h is a thoirt air adhart.

Tha an t-artaigil seo ga fhoillseac­hadh ann an co-bhuinn ris a’ Chomann Rìoghail Cheilteach www.royalcelti­csociety.scot

 ??  ?? Soidhniche­an Gàidhlig - an cuir iad daoine air an còig èirigh?
Soidhniche­an Gàidhlig - an cuir iad daoine air an còig èirigh?

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom