The Scotsman

Farpais nam filmichean goirid aig MG ALBA ga sgaoileadh air a’ BHBC

- Le FLORAIDH FORREST

Air Dihaoine 9 Gearran, aig an Old Fruitmarke­t ann an Glaschu, bidh òigridh agus inbhich bho air feadh na dùthcha a’ tighinn cruinn còmhla airson moladh a dhèanamh air buannaiche­an Filmg, farpais nam filmichean goirid aig MG ALBA. ’S e Filmg pròiseact a bhios a’ brosnachad­h, co-dhiù na h-òigridh, gus filmichean Gàidhlig a chruthacha­dh agus aithne a thoirt do thàlant ùr, cuid a bhios am falach am measg nan coimhearsn­achdan beaga Gàidhlig againn. ’S e tachartas òg, dòchasach a tha seo far am faicear deugairean làn misneachd air an àrd-ùrlar air beulaibh 400 neach, ’s iad a’ bruidhinn na Gàidhlig le pròis.

Am-bliadhna, ge-tà, bidh cùisean rud beag diofraicht­e. Chan e dìreach na bhios an làthair air an oidhche a bhios a’ faicinn nan deugairean moiteil seo ach, airson na ciad uair, bidh a’ chuirm air BBC ALBA. Thèid an taghadh as fheàrr a chraoladh Didòmhnaic­h 11 Gearran aig 2100, a’ fosgladh Fhilmg suas gu luchd-amhairc ùr. A bharrachd air a seo, air an t-seachdain às dèidh na cuirme, bithear a’ sealltainn cuid de na filmichean as fheàrr a tha air tighinn bhon sgeama air an t-seanail cuideachd. Leis an fharpais a’ gabhail a’ cheum mhòir seo, bidh cothrom ann sùil a thoirt air ais air mar a thàinig Filmg gu bith agus air na h-adhartasan a tha air tighinn air san àm sin.

Chaidh Filmg a chruthacha­dh tro chobhannta­chd eadar Cànan agus MG ALBA fo stiùireadh Dhòmhnaill Chaimbeil, Àrdoifigea­r MG ALBA, a bha làidir den bheachd gum biodh sgeama mar seo uabhasach cudromach leis an t-seanail ùr Ghàidhlig a’ dol air an èadhar nas anmoiche sa bhliadhna. Agus bha eòlas aig Cànan (a-nis Cànan Graphic Studio - CGS) air pròiseacta­n mòra a thoirt gu buil is iad dìreach air crìoch a chur air ‘Air Splaoid’, cùrsa Gàidhlig air-loidhne a bha stèidhicht­e air làraich a’ BHBC.

Bhon toiseach, bha an dà bhuidhinn airson ’s gun togadh Filmg aire dhaoine, gum biodh fèin-aithne làidir aige agus gum biodh e tarraingea­ch don òigridh. Rinneadh seo sa chiad dol a-mach le postairean a bhiodh a’ mìneachadh a’ chuspair bhliadhnai­l ach a bhiodh às an àbhaist a thaobh na Gàidhlig. Chruthaich dealbhadai­r CGS, Steve Maccoinnic­h, ìomhaighea­n làidir, uaireannan cunnartach, a bhiodh a’ toirt ort smaointinn air a’ chuspair (facal no gnàthas-cainnt Gàidhlig) ann an dòighean eadar-dhealaicht­e. Tha Steve fhathast ag obair dha Filmg agus ris an fhòrmat seo!

Deich bliadhna air ais, bhathar cuideachd mothachail air na meadhanan sòisealta. Ann an 2008, thòisich tòrr dhaoine a’ cleachdadh Facebook agus bha Filmg nam measg. Ged nach robh fhios aig mòran mu dheidhinn aig an àm, bha e follaiseac­h gur e dòigh mhath a bh’ ann airson conaltradh ri daoine – agus gun robh coimhearsn­achdan ùra a’ tighinn gu bith anns an dòigh ùir seo. Ann an 2014, thòisich Eilidh Nicfhraing air obair aig CGS agus thug i spionnadh dhan phròiseact le a pearsantac­hd bheothail spòrsail, agus thòisich i air Instagram agus Snapchat airson Fhilmg!

Bha feum air a seo, leis gun do dh’fhàg na deugairean Facebook, is iad a’ lorg àite ùr air falbh bho am pàrantan agus bho na tidsearan aca. ’S e obair mhòr a th’ anns na meadhanan sòisealta agus anns an latha an-diugh tha e air leth riatanach gum bi Gàidhlig ri faicinn san t-seagh sin.

Ach, aig an deireadh thall, ’s e na filmeadair­ean fhèin agus, nam measg, na sgoiltean a bhios a’ dèanamh na h-oidhirp as motha, agus ’s iadsan a tha rim moladh. Thairis air na deich bliadhna a dh’fhalbh, tha sinn air iomadh film àibheiseac­h fhaighinn an dà chuid bho inbhich is òigridh: Siubhalach­an (2009), An Texan a’ Tilleadh Dhachaigh (2010), An t-àite Eadar na Facail (2012), Oidhche Shàmhach (2012), Ailean Dubh às Lòchaidh (2014), An Sgoil Bheag mu Dheireadh (2014), agus Cheating our Language (2017) nam measg.

Nuair a thòisich sinn, cha robh ann ach seachd sgoiltean a’ gabhail pàirt agus a-nis tha còrr is còig air fhichead agus cuid aca a’ dèanamh barrachd air aon fhilm. Chì sinn sgoilearan, mar Lachlan bho Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbu­ig, a rinn film tro bhùth-obrach Fhilmg nuair a bha e air a’ chiad bliadhna san àrd sgoil, a-nis air an t-siathamh bliadhna is e air film a dhèanamh gu buileach leis fhèin, is e air ainmeachad­h air a’ gheàrrlios­ta airson an fhilm as fhèarr. Chì sinn cuideachd daoine a-nis ag obair sna meadhanan Gàidhlig a fhuair a’ chiad bhlasad aca tro Fhilmg, mar Mhegan Nicgillefh­innein, a bhuannaich a’ chluich as fheàrr aig a’ chiad Fhilmg, is i air a bhith na preasantai­r air Dè a-nis? agus dìreach air crìoch a chur air obair air sreath ùr den phrògram chloinne ainmeil Raven.

Tha gu leòr eile ann cuideachd, ach math dh’fhaodte gur e an rud as fhèarr a nithear a bhith a’ tadhal air làraich Fhilmg agus a’ toirt sùil air na geàrr-liostaiche­an, agus mura faigh sibh fiathachad­h gu cuirm nan duaisean, feuchaibh gun tadhal sibh air BBC ALBA air 11 Gearran aig 2100 airson sùil a thoirt air ginealach ùr na Gàidhlig – chì sibh tòrr air am bi sibh moiteil. Floraidh Forrest, Manaidsear Filmg (CGS)

 ??  ?? Sgioba Fhilmg, bhon taobh chlì: Flòraidh Forrest, Eilidh Nicfhraing, Steve Maccoinnic­h.
Sgioba Fhilmg, bhon taobh chlì: Flòraidh Forrest, Eilidh Nicfhraing, Steve Maccoinnic­h.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom