Tha Murray Macleòid ag ràdh gu bheil margaidh an fhearainn a-mach à rian
Tha atharrachadh bunaiteach, cha mhòr gun fhios, a’ tachairt air feadh sgìrean dùthchail na h-alba a tha, a bharrachd air càil eile, a’ daingneachadh an ana-cheartais a tha aig cridhe siostam an fhearainn.
Tha oighreachdan is tuathanasan gan reic airson suimean gun chiall, glè thric ann an dìomhaireachd air falbh bho shùilean an t-sluaigh, agus luchd an airgid airson brath a ghabhail air an taic a tha ri faighinn ann an Alba airson a dhol “uaine”. Tha luach anns na craobhan, a bhalaichibh.
Tha fhios nach e seo a bha san amharc, ach tha a’ mhargaidh a tha seo a’ ciallachadh nach eil, aon uair eile, cothrom na Fèinne aig na coimhearsnachdan. Sin mar a bha agus mar a tha.
Thug Coimisein Fearann na h-alba a-mach aithisg a bha a’ mìneachadh mar a tha a’ mhargaidh air a dhol cho trang ri linn “iarrtas àrd airson coilltean agus fearann far an gabh craobhan a chur”.
Ann an 2021 thàinig àrdachadh de 31% air talamh àiteachais aig àm nuair a bha teachd a-steach sa ghnìomhachas a’ sìor chrìonadh. Tha sin dìreach a’ sealltainn nach ann airson obair àiteachais a bhathar gan ceannach.
“Tha an luach ann an calpachas nàdarra agus carbon a’ toirt barrachd buaidh, ach tha rudan eile ann cuideachd a tha cudromach, mar luach àrd an fhiodha agus coilltean,” thuirt Seumas Trench, àrd oifigear Coimisein Fearann na h-alba.
“Tha an aithisg a’ sealltainn ged a tha na tha de fhearann air a’ mhargaidh air fuireach an aon rud thairis na beagan bhliadhnachan a dh’fhalbh, tha na prìsean air èirigh gu mòr ri linn an diofar luchdceannach a tha a’ sealltainn ùidh ann.”
Le companaidhean mar Shell a’ coimhead ri fearann na h-alba, tha fios iad gur e co-dhùnadh corporra a tha air a chùlaibh, iad a’ faicinn luach a thaobh airgid no cliù. Gu deimhinne, chan mu dheidhinn an àite fhèin a bhios e.
Tha làn chead aca a dhèanamh, bhon a tha e na chleachdadh ann an Alba dha fearann a bhith air a reic ris an duine as beàrtaiche agus airson adhbhar a choireigin, chan eil an luchd-poileataigs airson a dhol mìle faisg air.
Tha seo air an fhearg a chur air gu leòr airson ùine fhada bhon ann an suidheachadh dùthchail, chan eil càil nas cudromaiche na cothrom air fearann. Ach chan eil e sa mhòr-chuid ach ann an làmhan corra dhuine beartach – agus a-nis, companaidhean mòra eadar-nàiseanta bho air feadh an t-saoghail. Tha Alba air a’ mhargaidh, dh’fhaodadh tu ràdh. Chan e seo idir a bha còir a thighinn leis an dùsgadh air an àrainneachd.
Tha a’ bhuidheann Fearann Coimhearsnachd na h-alba a-measg na tha ag iarraidh lagh ùr a thoirt a-staigh sa bhad airson dèiligeadh ri seo.
Thuirt stiùiriche a' phoileasaidh aca, an t-ollamh Calum Macleòid: “Aig àm nuair a tha cosgaisean a’ sìor dol an àirde dha teaghlaichean agus a’ cur ri bochdainn anns na sgìrean dùthchail, tha rudeigin fada ceàrr, smaoinicheadh tu gu bheil raointean mòra de dh’alba gan reic gu dìomhar ri companaidhean airson dèiligeadh ri truailleadh carbon no mar dhòigh air an tuilleadh airgid a dhèanamh.
“Feumaidh Riaghaltas na h-alba laghan air athleasachadh an fhearainn a thoirt a-staigh sa bhad airson dèiligeadh ri bhith a' reic oighreachdan gu dìomhair, gus deànamh cinnteach gu bheileas a’ beachdachadh air buannachd dhan phoball nuair a tha, agus ga dheànamh nas fhasa dha coimhearsnachdan an ceannach. Mura dèan iad sin, tha cunnart ann gun tig coimhearsnachdan fhàgail air dheireadh agus gun tig a’ mhargaidh mhòr luachmhor a tha seo a-mach à rian buileach agus a-mach à sealladh.”