The Scotsman

Tha cruaidh feum air deasbad a tha nas socaire

- ◆ Ach, ‘s e rud gu tur eile a th’ann an tachair e, le Murray Macleòid

Ma bha duine sam bith ag èisteachd ris an Dr Hilary Cass agus i a’ bruidhinn aig Comataidh na Slàinte ann am Pàrlamaid na h-alba Dimàirt, ghabhadh iad f ìor iongnadh gun robh cuid a’ cur às a leth gu bheil i mì-phroifisea­nta agus mì-chothromac­h mu thimcheall a cuid obrach.

Bha i ciallach, reusanta agus fiosraicht­e, mar a shaoileadh thu bho a h-eachdraidh chliùiteac­h phroifisea­nta. Ach ann am poileataig­s na h-alba an-dràsta, far an e èigheach is gràin a tha a’ cunntadh nas motha na càil eile, chan eil duine air an cùmhnadh.

Bha cuid ga càineadh bhon a thuirt i ann an sgrùdadh oifigeil gum bu chòirear a bhith nas fhaicealai­che mu bhith a’ toirt seachad leigheis dha daoine òga airson an gnè atharracha­dh.

Coltach ris a’ mhòr mhòr chuid dha daoine eile, tha mi an amharas, chan eil cus eòlais agam-sa air a’ chuspair, ach tha e soilleir gu bheil cunnartan an lùib a’ ghnothaich seo ann an eanchainne­an òga a tha fhathast a’ fàs agus a tha fhathast a’ lorg àite san t-saoghal, agus an iomadach cuideam a tha ma choinneamh sin.

Le m’ aineolas mar a tha, tha mi ro thoilichte fhàgail aig eòlaichean mar Dr Cass, ach ‘s cinnteach gun urrainn dhan deasbad mu thimcheall a bhith air a chumail ann an dòigh nas bàidheile agus gun a bhith cur às leth dhaoine gu pearsanta.

Tha e reusanta gu leòr an dà thaobh dhen seo fhaicinn, agus tha mi an amharas gur ann mar sin a tha a’ mhòr chuid againn – mothachail gum faodadh cunnartan a bhith lùib atharracha­dh ghnè, gu h-àraid ann an òigridh, ach aig an aon àm, gabhail ris gum faodadh barrachd a dhèanamh airson taic a chumail ri daoine a tha a’ faireachda­inn gu bheil iad glaiste anns a' bhodhaig cheàrr. Chan eil rian nach eil sin duilich gabhail ris agus bu chòir truas a bhith riutha.

Le cho ìosal ‘s a tha poileataig­s ann an Alba air a dhol, ‘s dòcha gum faodadh dùil ris an deasbad air atharracha­dh ghnè a bhith cho suarach, le gach taobh a’ slàraigead­h air a chèile, agus e buileach nas miosa ma bheir thu sùil air cuid dhe na tha a’ dol air na meadhanan-sòisealta.

Ged a tha faireachda­in làidir air gach taobh, bu chòirear a ràdh – gu socair – gur e an dearbh fheadhainn a tha a’ fàs cho fiadhaich mu dheidhinn, an aon fheadhainn a tha a’ deanamh na h-uimhir a' chroin, agus tha sin cho f ìor mun argamaid aca fhèin agus a tha e mu dheidhinn càil sam bith eile. Agus tha sin f ìor air gabh taobh.

An là às dèidh dha Dr Cass nochdadh air beulaibh na comataidh, ghabh Iain Swinney a-nall mar a’ Chiad Mhinistear, le gealladh gun toir e air adhart poileataig­s ùr nas coibheile agus nas còire.

Le bhith ag ràdh sin, cha robh mòran choltais fiù

‘s air a fhèin gun robh e cinnteach gun seasadh e. A’ cuimhneach­adh mar a bhiodh e fhèin ag èigheach, ‘s a’ bualadh a bhoisean, is a' crathadh a mheuran ri taobh Nicola Sturgeon, ‘s dòcha gu bheil adhbhar a bhith teagmhach.

Ach tha cothrom ann cùisean ùrachadh agus

’s e sin a tha an sluagh ag iarraidh agus a’ cur feum air.

Ach chan eil fhios am am bu chòirear gealladh ro mhòr a chur air.

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom