The London Magazine

Briathran Fhinn ri Oscar/ Fingal’s Address to Oscar

- Taylor Strickland

A mhic mo mhic’s e thubhairt an rìgh,

Oscair, a righ nan òg fhlath,

Chunnaic mi dealradh do lainne’s b’e m’uaill

‘Bhi ‘g amharc do bhuaidh ‘s a chath.

Lean gu dlù ri cliù do shinnsirea­chd

‘S na dìbir a bhi mar iadsan.

‘N uair bu bheò Treunmhor nan rath,

‘Us Trathull athair nan treun laoch,

Chuir iad gach cath le buaidh, ‘Us bhuannaich iad cliù gach teugbhail.

‘Us mairidh an iomradh ‘s an dàn Air chuimhn’ aig na baird an déigh so.

O ! Oscair, claoidh thus’ an treun-armach,

‘S thoir tearmunn do’n lag-lamhach, fheumach;

Bi mar bhuinne-shruth reothairt geamhraidh

Thoirt gleachd do naimhdibh na feinn,

Ach mar fhann-ghaoth sheimh, thlàth, shamhraidh,

Bi dhoibhsan a shireas do chabhar.

Mar sin bha Treunmhor nam buadh,

S bha Trathull nan ruag ‘n a dheigh ann,

S bha Fionn ‘na thaic do ‘n fhann

G a dhion o ainneart luchd-eucoir.

‘N a aobhar shìnin mo lamh,

Le failte rachainn ‘n a choinnimh,

‘Us gheibheadh e fasgath ‘us caird,

Fo sgàil dhrithlinn­each mo loinne.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom