The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

THA FAISG AIR CÒIG ceud bliadhna bhon a dh’fhoillsich an sgrìobhaic­he Seòras Chapman beachd gun robh an lagh amaideach agus tha na faclan aige gan cleachdadh bitheanta fhathast. ‘ S neònach mura bi cuid a’ tilleadh chun nam briathran sin às ùr is iad a’ feuchainn ri coimeas a dhèanamh eadar breithneac­haidhean laghail a nochd bho chionn ghoirid.

Dh’aidich màthair gun do mhùch i a leanabh nach robh ach deich mìosan a dh’aois, ach chaidh a’ chasaid na h-aghaidh a lùghdachad­h bho mhurt gu marbhadh le coire ri linn dearbhadh gun robh i a’ fulang le airtnealac­hd an dèidh breith an leanaibh. Ged a bha mòran co-fhaireacha­dh ann dhan bhoireanna­ch a thaobh a cuid trom-inntinn, chaidh binn trì bliadhna prìosain a chur oirre. Aig an aon àm tha sinn a’ cluinntinn cuid de na bh’ air cùl na tubaist bhàsmhor a ghabh àite air iomall Cheàrnag Sheòrais ann an Glaschu dà latha ron Nollaig an-uiridh, agus gu sònraichte mar a chleith dràibhear na làraidh- sgudail sin an fhìrinn a thaobh a chuid slàinte gus a chuid cead- dràibhidh a ghleidhead­h. A rèir choltais bha e air a bhith a’ fulang tuaineal agus laigsean rè ùine agus bhiodh e darìribh doirbh a chreidsinn nach robh làn-thuigse aige air a’ chunnart dha fhèin agus do dhaoine eile nan tigeadh laigse air is e a’ dràibheadh. Gu muladach, thachair sin agus chaill sianar neoichiont­aich am beatha ann an Glaschu, ach chan eil casaid ga chur an aghaidh an dràibhear!

Chan eil farmad agam ri duine fhad ’s a fhuair e a chuid leis an onair! Sin faclan a bhiodh tric aig mo sheanair agus cha robh teagamh agam riamh nach robh treibhdhir­eachd cudromach dha. Tha a’ mhòr-chuid againn ag amas air slighe onarach a ghleidhead­h nar beatha làitheil ach aig amannan chan eil sin idir furasta is mar eisimpleir ‘s dòcha onair dol a chur cosnadh ann an cunnart. Theagamh gur ann mar sin a bha cùisean dha dràibhear na làraidh- sgudail ann an Glaschu nuair nach do dh’aidich e an fhìrinn a thaobh a shlàinte. Tha e air nochdadh gu math follaiseac­h aig a’ chùis-lagha nach eil an lagh mionaideac­h gu leòr gus am mòr- shluagh a dhìon bho leithid de shuidheach­adh. Agus ‘s e dìon am facal ceart! Ach cò air is còir an dleastanas airson na dìon sin a bhith? Tha e doirbh gun cho- dhùnadh gur ann air a’ bhuidheann a tha a’ riaghladh cheadan- dràibhidh is còir leithid sin de dh’uallach laighe, agus tha mòran den bheachd gur còir cothrom a ghabhail an siostam leis am bheilear a’ meas ìre slàinte dhràibhear­an a theannacha­dh gu mòr an dèidh na tubaist bhàsmhor seo.

WHILE SYMPATHISI­NG with the mother whose post-natal depression led to her smothering her ten month- old child, most people will accept her three year prison sentence as appropriat­e.

Following six deaths in Glasgow’s bin-lorry tragedy, many feel that the system of ascertaini­ng a driver’s fitness to hold a licence requires urgent review and strengthen­ing. Ailean Caimbeul (Allan

Campbell) ailean@obantimes.co.uk

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom