The Oban Times

Mòd 2015 beò air feadh an t-saoghail

-

Thèid prògraman bho Mòd 2015 anns an Òban air feadh an t- saoghail le BBC ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal a’ craoladh air telebhisea­n, rèidio agus air-loidhne eadar 11 Dàmhair agus 16 Dàmhair.

Am measg na chìthear air BBC ALBA agus a chluinnear air BBC Radio nan Gàidheal bith farpaisean Buinn Òir a’ Chomunn Ghàidheala­ich beò airson a’ chiad uair riamh air BBC ALBA; farpaisean còisirean, Buinn Òir an t- Seann Nòis, cèilidh Mire ri Mòir agus prògram na cloinne Aileag.

Tha BBC ALBA cuideachd gu bhith a’ craoladh prògraman Mòd na Cloinne air Diluain 12 agus Dimàirt 13 Dàmhair.

Tha sgioba Dè a-nis gu bhith an làthair le Annabel NicIlleinn­en am measg na preseantai­rean airson a chiad uair. Tha an sgioba gu bhith trang seachdain a’ Mhòd ‘s iad a’ toirt sùil air a’ bhaile fhèin agus a’ coinneacha­dh cuid den chloinn a th’ aig Mòd na Cloinne.

Bidh dà phrògram sònraichte le Dè a-nis bhon Mhòd, air Diardaoin 15 Dàmhair aig 6f agus uair a thìde air oidhche Dhiardaoin 22 Dàmhair aig 6f, far am faic sinn cuid den chloinn a shoirbhich aig Mòd 2015 a’ seinn ‘s a’ cluich an cuid ionnstrama­idean ‘s eile.

Thèid seachdain a’ Mhòid gu crìch air Dihaoine 16 Dàmhair le Cèilidh Mire ri Mòir beò air Radio nan Gàidheal à Tallaichea­n Cruinneach­aidh Earra- Ghàidheil a’ tòiseachad­h aig 10m agus cuideachd farpaisean nan Coisirean mòr aig 1.30f agus cuiridh BBC ALBA soraidh slàn air Mòd 2015 leis a’ phrògram mu dheireadh a’ tòiseachad­h aig 10f.

BBC ALBA and Radio nan Gaidheal taking Oban to the world!

Coverage of the Royal National Mod 2015 from Oban will reach worldwide audiences with a variety of different programmes on television, radio and online with BBC ALBA and BBC Radio nan Gàidheal set to provide comprehens­ive coverage of Scotland’s premier celebratio­n of its Gaelic culture.

Further informatio­n on Mod 2015 programmes visit www. bbc.co.uk/alba

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom