The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

SAOILIDH mi gur e a’ chiad chuimhne a th’ agam air oidhche Bliadhn’ Ùire dròbh de dhaoine cruinn san taigh ann an Caileabost agus cuideigin a’ seinn Òran Camanachd Ghlaschu aig Màiri Mhòr nan Òran!

’S i seo a’ Bhliadhn’ Ùr thug sòlas dhuinn! Bha na faclan sin mar gum biodh gan seinn le uimhir de dh’fhaireacha­dh.

A’ sealltainn air ais chun an fheasgair ud, theagamh 1951, ’s dòcha gum bheil mi a’ tuigsinn pàirt den adhbhar a bhiodh na faclan seo gan gabhail le sunnd àraid.

Chan eil cuimhne agam cò bha an làthair cuide rim athair ’s mo mhàthair is mo phiuthar as sine, ach bhiodh nàbaidhean ann gun teagamh agus ’s dòcha cuid de bhràithrea­n m’ athair agus mo sheanair.

Cha robh ach beagan bhliadhnai­chean bho chrìochnai­ch an dàrna cogadh agus bha mòran aca air a bhith troimhe agus gu fàbharach air am beatha a thoirt às.

’S iad gillean mo rùin a thogadh mo shunnd!

Gu cinnteach bhiodh cuimhne ghoirt air an iomadh fear òg nach do thill, ach bha saoghal ùr sìobhalta air a ghealltain­n dhan fheadhainn a bha beò agus tha e furasta a thuigsinn mar a bhiodh iad uile an dòchas gun robh na leasachaid­hean ann an cor na dùthcha, agus an t-saoghail, gu bhith air an coileanadh. Bliadhna ùr aig toiseach an dàrna leth den fhicheadam­h linn, agus pàrantan a’ guidhe gur sinne an ginealach ùr chloinne nach fhuilingea­dh uabhasan cogaidh.

Agus gu dearbh sin mar a thachair, oir cha deach mise na mo cho-aoisean riamh a ghairm a shabaid às leth ar dùthcha agus bha sinn dà-rìribh fortanach anns an t-seadh sin!

Cha tuirt sin air chor sam bith gun deachaidh na gealltanas­an air sìth mhaireann a thoirt gu buil, agus chaidh iomadach cogadh a ghairm ’s a chur thar nam bliadhnaic­hean bhon àm ud, agus ann an cuid a dhòighean tha suidheacha­dh an t-saoghail nas cunnartaic­he an- diugh na bha ’s dòcha riamh na eachdraidh.

Tha ionnsaighe­an cheannairc an aghaidh dhùthchann­an an taobh an iar a’ fàs nas bitheanta, agus tha dùbhlan dìon a sìor fhàs nas dorra dha seirbheise­an tèaraintea­chd is iad a’ cogadh ri nàimhdean neo-fhaicsinne­ach.

’S docha gur e chuid as draghaile den t-suidheacha­dh an ìre gum bheil daoine òga air am breugadh gus a dhol an sàs ann an aimhreit air a bhonntacha­dh air creideamh. Bu mhath dhaibh sin comhairle an t-seanfhacai­l, gur draghaile caraid amaideach na nàmhaid glic!

Gun dhealaich na suinn, mar thàinig iad cruinn, le cridheacha­n coibhneil, ’s b’ òrdail iad. Nach bu mhath an t-amas sin airson 2016!

MY FIRST memory of a New Year, probably 1951, and I recall folk singing Mary Macpherson’s song to Glasgow Camanachd and the line ‘this New Year brings joy’ seemed to be sung with special enthusiasm!

Looking back, I can now understand the hope of people who had survived the Second World War and were hoping for peace and prosperity.

That is still a goal.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom