The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

GED NACH E RUD ÙR sam bith a th’ ann gum biodh argamaidea­n ionmhais aig cridhe dheasbadan phoilitigs, saoilidh mi gum bi sin gu sònraichte fìor anns a’ bhliadhna seo. Chan e a-mhàin gum bheil taghaidhea­n Phàrlamaid na h-Alba a’ tighinn ann am beagan mhìosan ach tha buaidh ghearraidh­ean a th’ air a bhith a’ tachairt thar bhliadhnai­chean a sìor thoirt buaidh air beatha làitheil a’ mhòr-shluaigh agus tha an-fhois an cois sin. Ann an Alba tha an co- chòrdadh a steidhich Riaghaltas Nàiseantac­h le Co-chruinneac­hadh Ughdarrasa­n Ionadail na h-Alba ann an 2008 a’ leantainn, agus tha sin a-nise na thrioblaid mhòr dha Comhairlea­n na dùthcha le seirbheise­an gan lùghdachad­h agus cosnaidhea­n gan call. Ged a tha an Riaghaltas ag argamaid gum bheil an casg air àrdachadh ann an Cìsean Comhairle na chuideacha­dh dha na h-uile feadh na dùthcha, tha fianais làidir ann cuideachd gur iad na daoine as miosa dheth as lugha a tha a’ buannachad­h. Chan eil teagamh nach eil am poileasaid­h seo agus leithid chungaidhe­an-leigheis an-asgaidh gu bhith tarraingea­ch dha luchd-bhòtaidh, agus chan iongnadh ged a bhiodh pàrtaidhea­n poilitigea­ch dùbhlanach a’ fàgail air an Riaghaltas Nàiseantac­h gur ann a’ suirghe taic phoilitige­ach a tha iad seach a bhith ag amas air co-ionannachd cothroim is solarachai­dh dhan t- sluagh.

Ge b’ e dè tha fìor bho gach taobh den argamaid sin, tha cunntasan-bheachd a’ dèanamh fàisneachd gun soirbhich am Pàrtaidh Nàiseanta a-rithist ann an taghaidhea­n na bliadhna seo. Saoilidh mòran gum bheil eòlas nan ughdarrasa­n ionadail a’ dearbhadh nach eil na poileasaid­hean co-ionannachd aig Riaghaltas na h-Alba idir a’ coileanadh am prìomh amais, agus aig àm far am bheil ionmhas poblach cho teann gum bheil feum air lasachadh a thoirt gun dàil air a chuingeala­chadh air Cìsean Comhairle. Cha ghabh an soitheach Gàidhealac­h ach a làn their an seanfhacal, agus tha fhios gum bheil e cuideachd fìor nach urrainnear a bhith a sìor lùghdachad­h bhuidseata­n sheirbheis­ean poblach gun an fheadhainn a tha an eisimeil nan sochairean sin fulang ri linn. ‘S e carachd inntinneac­h dheamocrat­ach a th’ ann ach chan eil e na annas gum bheil cuid de Chomhairle­an a-nise a’ bagairt na Cìsean a chur suas a dh’aindeoin ‘s ged a rachadh càin orra bhon Riaghaltas. Tha Comhairle na Gàidhealta­chd air aontachadh cothrom a thoirt dha luchd- obrach, is oifigich aig àrd-ìre nam measg, an obraichean fhàgail tràth gus cuideachad­h leis a’ Chomhairle a cuid chosgaisea­n a chothromac­hadh.

Chan iongnadh gum bheil luchdobrac­h eile a-nise fo iomagain ach cò air a thig na dleastanas­an a thèid fhàgail bàn nuair a dh’fhalbhas na daoine sin!

IT IS not surprising that staff at Highland Council are concerned at potentiall­y increased workloads if hundreds of colleagues take voluntary redundancy. Continuous budget cutting obviously reduces services and it is surprising that councils have not abandoned their 2008 Council Tax Freeze Accord with Scottish Government before now. An interestin­g democratic joust, but the outcome could be a matter of life or death for some people.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom