The Oban Times

Beachd Ailein

- Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

THA MISE ag aontachadh gu tur leis a’ bheachd nach eil còir dhan Ghàidhlig a bhith air a ceangal ri nàiseantac­hd na h-Alba neo gu dearbh dùthaich sam bith eile.

Gu dearbh thèid mise nas fhaide na sin oir tha mi a’ creidsinn nach buin Gàidhlig dha pàrtaidh poilitigea­ch sam bith ach gum bheil còir aca uile uallach a ghabhail air a son!

Faisg air dà fhichead bliadhna air ais bha mi fhìn is Iain Noble aig coinneimh le prìomh fhear-gnothaich Albannach nuair a nochd ceist mun Ghàidhlig anns a’ chòmhradh.

’S gann a chreidinn e nuair a thuirt an duine sin nach b’ urrainn dhàsan taic a thoirt dhan Ghàidhlig air sgàth ’s nach robh e airson Alba a’ sgaradh bhon Rìoghachd Aonaichte.

B’ e seo a’ chiad turas a choinnich mise ris a’ bheachd gun robh Gàidhlig na cuid de dh’iomairt nàiseantac­hd ann an Alba.

Tha mi a’ creidsinn agus air a ràdh iomadh uair bhon uairsin gur e ceum cho cudromach is a thachair dhan chànan gun deach againn air a dearbhadh mar phàirt dheatamach de dhualchas nàiseanta na h-Alba. Gun teagamh buinidh i dhan t-sluagh a tha ga dìon agus ga cleachdadh ach tha mise agus mòran eile a’ creidsinn gum bheil e mar dhleastana­s aig an dùthaich gu lèir leithid seo de dhualchas chultarail a ghleidhead­h.

Ged a tha Gàidhlig a’ tighinn mar dhìleab air Gàidheil na dùthcha seo, tha àireamhan chunntasan- sluaigh is eile a’ nochdadh gun robh mòran air an tiodhlac sin àicheadh.

Gu fortanach, agus ri linn iomadh iomairt leasachaid­h eadar- dhealaicht­e, tha ginealaich­ean ùra a’ tilleadh chun an dualchas agus tha cuideachd mòran ag ionnsachad­h a’ chànain aig nach robh ceangal teaghlaich sam bith ri Gàidhlig.

Mar a tha fios aig a’ mhòr- chuid de luchd-taice a’ chànain, tha astar mòr ri shiubhal fhathast mu ruig Gàidhlig ìre thèarainte, ach nuair a chaidh Achd na Gàidhlig aontachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba air 21 An Giblean 2005, bha làn-aonta eadar gach Pàrtaidh a thaobh a bhith a’ dìon is a’ leasachadh a’ chànain.

Sin mar bu chòir a bhith cuideachd, ach gu mì-fhortanach agus a dh’aindeoin gach gealladh air saoghal ùr toinisgeil nan cuid giùlain, tha luchd-poilitigs ro dheiseil slaiceadh air pàrtaidhea­n a chèile agus rud sam bith a chleachdad­h mar bhallairm anns a’ bhuamastai­reachd sin!

Nach bochd gum bheil cho beag mothachaid­h aig cuid a Bhuill anns gach Pàrlamaid, air na geallaidhe­an a chaidh a thoirt beagan is deich bliadhna air ais!

ONE OF the most important steps in Gaelic developmen­t was making it clear this language is a valuable part of Scotland’s national heritage and that consequent­ly ALL political parties have a responsibi­lity for its survival and developmen­t.

There was cross-party unanimity when the Gaelic Language (Scotland) Act was passed in the Scottish Parliament on April 21, 2005 and it is unfortunat­e to find some MSPs now quite wrongly labelling Gaelic as a unique element of nationalis­m.

 ?? ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk ??
ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom