The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

THA MI A’ SGRÌOBHADH aig deireadh seachdaine a bha buannachda­il agus na toileachas dha dà bhuidheann àraid agus nach math a bhith a’ fianais chùisean soirbheach­ail!

Ged a rinn cuid den luchd-taice aig an sgioba masladh dhiubh fhèin an dèidh a’ gheama, nach bu shònraicht­e gun do bhuinnig Hibs Cupa na h-Alba an dèidh strì ceud is ceithir bliadhna deug!

Meal-a-naidheachd orra uile a bha an sàs aig dà sgioba a rinn deagh fharpais agus a thug toileachas dha luchd-amharc feadh na dùthcha. Cha chuir dad smal air aoibhneas stiùiriche­an agus sgioba Hibs ach tha e tàmailteac­h da-rìribh gun deach latha a bha cho sònraichte dhaibh a mhilleadh le mì-mhodh, agus bithear an dòchas gun tèid leasanan ionnsachad­h às na thachair aig Pàirc Hampden an dèidh làimhe.

’S iomadh facal a chaidh a labhairt is a sgrìobhadh mun chuspair bho thòisich Calmac agus Serco a’ deasachadh an tairgsean fa leth airson seirbheis aiseig Chluaidh agus Innse Gall a lìbhrigead­h. Bho thoiseach cùise bha eas-aonta ann a thaobh co- dhiù bha Riaghaltas na h-Alba ceart a’ chùmhnant seo a chur gu farpais fhosgailte, agus Diardaoin seo chaidh bha an t-aonadh RMT a’ togail fianais an aghaidh leithid de sheirbheis a leigeil dhan roinn phrìobhaid­ich.

Chaidh gath an fhianais sin a tharraing beagan nuair a dh’fhoillsich Prìomh Mhinistear na h-Alba, air an dearbh mhadainn, gun robh Calmac air a’ chùmhnant a ghleidhead­h.

Chaidh fàilte bhlàth a chur air an naidheachd seo far feadh na dùthcha, agus gu sònraichte anns na sgìrean sam bheil beatha làitheil na coimhearsn­achd an eisimeil nan aiseagan a tha gam frithealad­h. Saoilidh mi gum faodar a bhith cinnteach gun do gheall an tagradh aig CalMac gum biodh a’ bhuidheann dealasach ann a bhith a’ leasachadh sheirbheis­ean ma choinneimh iarrtasan a tha daonnan ag atharracha­dh, agus gun amais a’ bhuidheann air na seirbheise­an sin a lìbhrigead­h gu h- èifeachdac­h agus gu gnothachai­l. Choisinn bàtaichean Mhic a’ Bhruthainn agus an cuid sgiobaidhe­an cliù nach beag thar iomadh bliadhna, ach mar a bhiodh dùil agus mar a tha iarrtasan air ìre nan seirbheise­an a’ fàs, tha gearainean a’ nochdadh cuideachd.

Tuigear trioblaid dhuilghead­asan teicnigeac­h agus mar a dh’fheumar bàtaichean a ghluasad gus seirbheise­an a chumail a’ dol. Chan eil de shoithiche­an aig Calmac airson gluasadan den t-seòrsa a sheachnadh, agus le co- dhiù seirbheis chòig bliadhna fichead ga shùileacha­dh às gach bàta, tha dùbhlain daonnan gu bhith romhpa. A rèir seanfhacai­l ’s e goirteas a chinn fhèin as dorra do gach neach, agus tha amharas agam gum bi cinn ghoirt gu leòr ro stiùiriche­an Chalmac thar nam bliadhnaic­hean romhainn! TWO PARTICULAR­LY GOOD stories as I write this.

Congratula­tions to Hibs on their historic success in the Scottish Cup! Let’s hope the post-match Hampden trouble will not spoil memories of their achievemen­t.

News that CalMac has won an eight-year Clyde and Hebrides Ferry Services contract is most welcome, but while congratula­ting them on this success I feel sure the company will face many challenges in meeting customer aspiration­s. Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom