The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

LE MÒDAN IONADAIL na bliadh na air tòiseachad­h feadh na dùthcha tha cothrom às ùr aig clann agus inbhich an cuid cànain is dualchais fhoillseac­hadh le moit.

Dìleab luachmhor gun teagamh, agus tha cothrom cuideachd aig luchd-èisteachd is fianais nan tachartasa­n seo luach a chur air brìgh agus snas an obair- oideachaid­h a fhuair gach neach a tha a’ gabhail pàirt anns na farpaisean.

Is math an sgàthan sùil caraid their an seanfhacal, agus tha comasan namfarpais­each nan sgàthan air dìcheall luchd-teagaisg, pàrantan, seanairean is seanmhaire­an. Agus a bharrachd air na tha ga lìbhrigead­h gu foirmeil ann an sgoiltean, tha mòran den ionnsachad­h cuideachd a’ tachairt an ìre mhath gun fhios ann am beatha làitheil an neach-ionnsachai­dh.

Nuair a thig e gu comasan cànain agus fileantach­d, tha dùbhlan sònraichte aig mòran de luchd-ionnsachai­dh na Gàidhlig leis nach eil iad beò ann an coimhearsn­achd anns am bheil an cànan ga cleachdadh gu nàdarra agus tha seo a’ cuingealac­hadh fàs stòr-fhaclan agus ghnàthasan- cainnt.

Cluinnear fileantaic­h bho àm gu àm a’ càineadh dìth daingneach­d na Gàidhlig aig cuid a dh’ionnsaich i, neo a tha ga h-ionnsachad­h, ach feumar cuimhneach­adh nach eil a’ mhòr- chuid dhiubh sin am bogadh sa chànan mar a bha sinne a fhuair i mar dhìleab mhàthairei­l.

Rinneadh mòran adhartais thar nan ceathrad bliadhna a dh’fhalbh a’ cruthachad­h chothroman gus staid na Gàidhlig a neartachad­h agus tòiseachad­h ri fàs a-rithist. Ach chan eil sinn faisg air an t-strì an aghaidh crìonadh na Gàidhlig a bhuannacha­dh agus tha i fhathast ann an suidheacha­dh air leth cugallach agus tha a’ cheart uimhir de naimhdeas ann dhi ‘s a bh’ ann riamh.

Thug spàirn mhòran cheatharna­ch dhuinn goireasan bunaiteach foghlaim agus craolaidh, agus tomhas de dhìon phoilitige­ach, ach tha sinn uile a’ tuigsinn nach eil an sin ach toiseach tòiseachai­dh. Ach ri linn ‘s cho beag ‘s a tha àireamh luchd- cleachdaid­h na Gàidhlig, feumaidh an leasachadh tachairt an lùib, mar phàirt fiù ’s, mòr-choimhears­nachd Beurla agus tha feum daonnan air deisealach­d agus ealantas ann a bhith toirt chùisean air adhart.

Tha mise a’ tuigsinn glè mhath carson a tha cuid de Ghàidheil mì-fhoighidne­ach agus mì-riaraichte le leithid fo-thiotalan phrògraman telebhisea­n agus na bheil de Bheurla ann an cuid de phrògraman.

Ach saoilidh mi gum feumar a bhith faiceallac­h nach toir iomairt a dh’ionnsaigh sàr-mhathas buille bàis dhan t-seirbheis a thug cho fada ga buinnig agus a tha na coimhearsn­achd Gàidhlig luachmhor dha mìltean feadh na dùthcha! THE PAST 40 years have seen significan­t progress in the winning of political support and the establishi­ng of educationa­l and broadcasti­ng structures for Gaelic.

But the challenge to revitalise the language continues, and progress requires dexterity and diplomacy. While fully understand­ing frustratio­n with issues of sub-titling and English content on a Gaelic television channel, I believe great care must be taken lest this vital Gaelic resource is lost to its community.

It is always easier to start a war than make peace, and internal strife will not serve our Gaelic community.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom