The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

CHAN eil e math dha misneachd coimhearsn­achd a bhith a’ call seirbheis.

Co- dhiù ‘s e sgoil neo bùth a th’ ann tha e mar bhuille bàis dhan sgìre, agus chan eil dùnadh oifisean banca eadar- dhealaicht­e. Tuigear carson a bhiodh banca sam bith a’ cumail sùil air na bheil de gnìomhacha­s a’ gabhail àite anns na h- oifisean fa leth, ach bha uair ann san robh gnìomhacha­san mòra mothachail gum feumte airgead a chosg airson dìlseachd luchd- cleachdaid­h a ghleidhead­h. Ach tha bliadhnaic­hean a-nise bho thuig sinn uile nach eil dìlseachd cudromach tuilleadh am measg a’ mhòr- chuid de sheirbheis­ean poblach, agus tha sin dearbhte sna bancaichea­n far nach eil aithne againn air cò am manaidsear aig am bheil uallach ar cuid chunntasan. Aig an aon àm tha cuimhne agam cho sònraichte ‘s a bha an t-seirbheis a bha mo mhàthair- cèile a’ faotainn bho bhanca-siubhail ann an Leòdhas is luchd- obrach a’ tighinn thuice aig taobh an teine ga frithealad­h! Mo bheannachd orra oir ‘s iad na h- oifigich sin a bha a’ cosnadh cliù a’ bhanca sin! Tha Banca na h-Alba ag ràdh gun cuir iad barrachd sheirbheis­ean siubhail dha na coimhearsn­achdan anns am bheil na h- oifisean aca gan dùnadh ach saoilidh mi nach leighis sin an lot a tha an cuid trèigsinn a’ fàgail anns na sgìrean sin.

Tha fhios nach eil meang de chultar nan Gàidheal as urramaiche na an spiorad aoigheachd a bha cho dualach dhuinn, is ‘roinn a’ choigrich’ deiseil gus a lìbhrigead­h fiù ‘s aig a’ bhòrd a bu ghainne stòras.

Nuair a thòisich obair turasachd ri fàs air Ghàidhealt­achd is as na h-Eileanan bha duilgheada­s aig cuid a’ cothromach­adh gleidheadh na Sàbaid agus frithealad­h luchd-turais. Shaoil mi fhìn gur e cùis-nàire a bh’ ann gun robh daoine air am fàgail gun chothrom air biadh neo goireas eile fhaotainn air an t- Sàbaid!

Tha e follaiseac­h do neach sam bith a tha a’ lìbhrigead­h sheirbheis­ean aoigheachd gur e gnìomhacha­s làitheil sam bheil iad an sàs, agus ged a tha làn- chead aig duine sam bith an cuid seirbheis a chuingeala­chadh, chan eil sin ag atharracha­dh feumalachd luchd-turais is eile air goireasan seachd latha san t-seachdain. Saoilidh mi gum bheil Comhairle nan Eilean Siar ceart gabhail ri fìrinn na cùise sin a thaobh àite-bìdh Chaisteil Leòdhais a bhith fosgailte seachd latha san t-seachdain. Ma tha iad gu bhith a’ tàladh luchd-turais dhan sgìre chan eil a’ chòrr a’ dèanamh ciall agus chan eil mise a’ faicinn carson a dhèanadh leithid de sheirbheis dheatamach cron air ìomhaigh neo dualchas chreideimh nan Eileanan. BANK of Scotland’s decision to close another 11 small branches reinforces a view that earning and retaining customer loyalty no longer matters to big business.

It seems perfectly reasonable that customers in the areas affected should seek better service elsewhere.

Meanwhile Comhairle nan Eilean Siar recognises that promoting tourism requires provision of services and it has quite logically approved sevenday service in the Lewis Castle cafe. Food is an every day necessity.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom