The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul

CHAN e càil ùr a th’ ann dha seirbheise­an poblach a bhith a’ seachnadh àrachas ach a- mhàin na dh’fheumas a bhith aca gus còraichean a’ mhòr-shluaigh a dhìon.

Tha cuimhne agam sin ionnsachad­h is mi air obair-samhraidh cuide ri Roinn Àiteachais an Riaghaltai­s a’ tomhas raointean choirce agus bhuntàta ma choinneamh thagraidhe­an airson uireasbhai­dhean fàs sìl.

Chaidh innse dhomh nan stadadh poileas mi le car ‘an department’ gum faodainn innse dhaibh nach robh àrachas àbhaisteac­h air a’ chàr, leis gur ann leis an Riaghaltas a bha e. Bhon uairsin tha mi air còmhradh caochladh uairean ri luchd-gnothaich a th’ air innse dhomh gun robh iad air sgur a cheannach àrachas ioma- chuimseach air leithid làraidhean mòra oir gun robh e na bu shaoire dhaibh inneal a chall, agus tè ùr a cheannach, gach bliadhna neo dhà seach làn-àrachas a phàigheadh orra gach bliadhna.

Cha robh iad ach a’ ceannach àrachas a bheireadh dhaibh dìon nam buaileadh iad cuideigin eile. Tha fhios againn uile gum bheil àrachas daor a cheannach co- dhiù ’s ann air tagh neo carbad neo rud eile, agus ged a tha sinn ga phàigheadh, tha sinn an dòchas nach bi feum againn air tagradh a chur thuige. ’S e saorsainn inntinne a th’ ann agus dìon air rudan a tha luachmhor agus deatamach dhuinn. Bhiodh e nàdarra gun suilicheam­aid an aon seòrsa feallsanac­hd a bhith aig an Riaghaltas a thaobh tèaraintea­chd sgìrean a tha e fhèin a’ comharrach­adh mar làraich shònraicht­e a thaobh maise agus nàdair, gun iomradh air beòshlàint an t-sluaigh a tha a’ còmhnaidh anns na sgìrean sin.

Ach chan ann mar sin a tha a thaobh nam bàtaichean-slaodaidh a chaidh an stèidheach­adh mu thuath, a’ leantainn air molaidhean an rannsachai­dh air long-bhriseadh an t-soithich Braer ann an Sealtainn ann an 1993. Ghànraich an tubaist sin cladaichea­n nan eileanan sin fad bhliadhnai­chean le còrr air ochdad mìle tunna ola. Thuirt am Morair Donaldson gum bu chòir na molaidhean a chur an gnìomh gun bhacadh air sgàth cosgais, agus chaidh dà bhàta an stèidheach­adh air ceann a tuath Alba is a dhà aig ceann a deas Shasainn. Ach dh’fhàg caomhnadh air cosgais nach eil ach aon bhàta-slaodaidh a’ toirt taic dìon dha na mìltean mìle de chladaiche­an cheann a tuath Alba a-nise, agus dhearbh na thachair far cladach Leòdhais gum bheil an sgìre dìon ro fharsaing agus gum faodadh an ùine a bheir i a’ siubhal bho leithid tuath gu siar tubaist sgriosail eile a chiallacha­dh. Tha na coimhearsn­achdan sin agus an cuid sluaigh airidh air nas fheàrr! PREVENTION is said to be better than cure, but such a philosophy requires a commitment to investment.

Lord Donaldson’s recommenda­tions on emergency towing vessel support in Scottish waters is as sensible now as when welcomed by government 22 years ago and it is unacceptab­le that government economies should now be exposing areas of acclaimed scenery and their communitie­s to serious risk of environmen­tal polution. A second emergency towing vessel should be reinstated immediatel­y. Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom