The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

THEAGAMH GUM BHEIL iomadh cuspair air nach aontaich mi fhìn is am Ball Pàrlamaid Albannach Iain Finnie ach tha mi a’ dol leis gu tur na bheachd gum bheil dràibheara­n a tha a’ siubhal gu slaodach air na rathaidean againn nan cunnart! Na mo thursan dhan Eilean Sgitheanac­h is air ais air an t- seachdain seo chaidh, chaill mi cunntas air na chunnaic mi de chàraichea­n a’ snàgail is aig amannan suas ri fichead carbad eile glaiste às an dèidh. Cha bheag an t-iongnadh gum bheil leithid seo ag adhbharach­adh thubaistea­n is cuid den fheadhainn a th’ air am bacadh a’ call foighidinn is a’ feuchainn seachad nuair nach eil sin uile gu lèir sàbhailte. ‘ S e bhios a’ cur na feirge orm fhìn gum bheil mòran den fheadhainn a tha ris an t- snàgail seo den bheachd gum bheil iadsan nan deagh dhràibhear­an cùramach sàbhailte, ged a tha e follaiseac­h dha daoine eile nach ann mar sin a tha idir.

Tha Còd an Rathaid ag òrdachadh nach fhaodar a bhith a’ cur maille air carbad a tha beireachda­inn ort air an rathad, agus tha seo gu sònraichte cudromach air rathaidean singilte agus tha deuchainn an dràibhidh a’ cur cuideam air a bhith a’ cleachdadh sgàthain gus eòlas a chumail air na tha às do dhèidh. Ach ma tha thu a’ siubhal nan rathaidean an- diugh, bidh thu mothachail gum bheil mòran dhràibhear­an aig nach eil sealladh sam bith air dè tha air an cùlaibh. Neo, rud fada nas miosa, gum bheil làn-aithne aca gum bheil sreath de charbadan gan leantainn ach nach eil de thuigse neo de mhodh aca a dhol an dàrna taobh gus an leigeil seachad. Mur eil mothachadh aig na dràibheara­n sin gum bheil iad a’ cur bacadh air na carbadan a th’ air an cùlaibh, chan eil còir cead- dràibhidh a bhith aca! Agus ma tha iad dìreach coma co- dhiù, tha còir aig an lagh am peanasacha­dh airson a bhith a’ briseadh Còd an Rathaid. Ach cuin a chunnaic neo a chuala duine agaibh iomradh air poileas a’ cur casaid air dràibhear a bha a’ bacadh luchd- siubhail eile? A rèir ‘s mar a tha mise a’ fianais air na rathaidean, tha feum air fada bharrachd aire bhon phoileas air leithid seo agus saoilidh mi gun toireadh peanasacha­dh neo dhà aire dhràibhear­an chun an lagh agus theagamh gun toireadh e leasachadh air modh luchd- cleachdaid­h nan rathaidean cuideachd.

Chan eil mi air chor sam bith ag àicheadh a’ chunnairt a th’ ann an cus astair, ach tha mi ag ràdh gum bheil a’ cheart uimhir ann an snàgail gun aire! I TOTALLY SUPPORT MSP John Finnie’s request that Police Scotland enforce the Highway Code rule that forbids impeding following vehicles.

Most drivers will have experience­d delay, frustratio­n, and fury at being blocked by slow vehicles which do not allow safe overtaking.

Not a new problem, but I have never seen or heard of police action over such dangerous driving!

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom