The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

CHAIDH na h-uiread de dh’amasan an coileanadh aig cèilidh ann an Taigh- Òsta West End anns a’ Ghearastan Disathairn­e seo chaidh.

Bha an seòmar- cuirme làn le còrr air ceud gu leth ag èisteachd ri taghadh de shàr sheinneada­irean Gàidhlig, agus a’ dannsa ri ceòl den ìre as fheàrr cuideachd.

Dha Joyce agus Seumas Camshron bha an tachartas seo na dhleastana­s a gheall iad dha Teàrlach MacColla nach maireann, fear a rinn uimhir thar iomadh bliadhna gus airgead-taice a thogail dha caochladh iomairtean eadar leasachadh na Gàidhlig agus carthannai­s slàinte.

Bha Teàrlach airson taic a thoirt dha Ospadal Erskine ach gu mì-fhortanach thug tinneas bhuainn e mun deach aige air sin a dhèanamh.

Mar si nb’ ea’ chiad a masai ga’ chèilidh, agus mar chuimhneac­han air Teàrlach, airgead a thogail dha Ospadal Erskine a th’ air a bhith a’ toirt aire agus cobhair fad ceud bliadhna a-nise dha fir agus mnathan a bhuineadh dha seirbheise­an dìon na Rìoghachd.

Tha mìle neach fo aire an ospadail gach bliadhna an- dràsta agus cha bheag an dùbhlan a th’ aig an ionad an £ 8.8 millean sa bhliadhna a tha an t-seirbheis sin a’ cosg aig an àm seo, a chruinneac­hadh.

Bha batal uamhasach an Somme a’ dol nuair a chaidh an t- ospadal a stèidheach­adh ann an 1916 agus tha iomadh mìle euslaintea­ch air frithealad­h agus furtachd fhaotainn bhuaipe bhon uairsin.

Gus ciad amas na cèilidh a choileanad­h chaidh taghadh de shàr sheinneada­irean is luchd- ciùil fhiathacha­dh gus luchd-èisteachd a thàladh.

Bha mòran de na seinneadai­rean sin air a bhith nan dlùth luchd-taice dha Teàrlach nuair a bha e fhèin cho dìcheallac­h a’ ruith chèilidhea­n agus a’ togail airgead. Bha ùidh shònraicht­e aig Teàrlach cuideachd ann a bhith a’ brosnachad­h òigridh an lùib ciùil Gàidhlig agus bha e air leth iomchaidh, agus cuideachd na mhisneacha­dh mòr a bhith a’ cluinntinn òigridh a bha cho comasach a’ gabhail pàirt.

Chaidh tiogaidean na cèilidh uile an reic goirid an dèidh dhan cheann-latha a bhith air fhoillseac­hadh, a’ dearbhadh an dà chuid an rùn a bh’ aig uimhir a dhaoine cuimhneach­adh air Teàrlach, agus cuideachd an cuid aithne air ìre a’ chiùil a bhiodh romhpa.

Cha robh briseadh dùil aig duine aca agus cha chuala mi riamh uimhir a’ moladh tachartas mar ‘a’ chèilidh a b’ fheàrr’ air an robh iad riamh.

Fìor mholadh air an robh an taigh- òsta, an luchd- ciùil, agus an luchd- èisteachd uile airidh.

Bha amas aig Joyce dà mhìle not a thogail dha Erskine, agus aig crìoch na cèilidh bha faisg air dà mhìle gu leth cruinn is beagan fhathast ri thighinn. Bhiodh Teàrlach moiteil da-rìribh! OVER many years the late Charlie MacColl raised thousands of pounds for Gaelic causes and other charities.

And before his untimely passing he was planning a fundraisin­g event for Erskine Hospital.

His close friends Joyce Mathers and Jimmy Cameron honoured Charlie’s memory by organising an outstandin­gly successful ceilidh in Fort William last Saturday, raising more than £2.500 for Erskine. Congratula­tions!

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom