The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

MUN ÀM A BHIOS sibh a’ leughadh seo bidh ceann-suidhe ùr air Stàitean Aonaichte Ameireagai­dh, tè de na dùthchanna­n as cumhachdai­che air thalamh.

Dùthaich a tha cuideachd ga meas fhèin mar dhachaigh saorsa agus deamocrasa­idh, agus tè a sheasadh na còraichean sin air feadh an t-saoghail.

Le còrr air trì ceud millean de shluagh tha in-imrich thar nam bliadhnaic­hean air fìor mheasgacha­dh cultarail a chruthacha­dh feadh nan Stàitean, ach mar a tha gu mì-fhortanach fìor ann an dùthchanna­n eile cuideachd, cha do dh’fhàg an t- eòlas ioma- chultarail sin Ameireagai­dh saor bho ghràin- cinnidh.

‘S dòcha nach b’ e annas a bh’ ann gun do nochd beagan den sin anns an iomairt ghuinich a th’ air a bhith a’ dol airson dreuchd a’ Chinn-suidhe thar nam mìosan a chaidh.

Ann am beachd eòlaich b’ i seo an t-strì phoilitige­ach a bu shalaiche agus bu nimheile a bha riamh anns na Stàitean Aonaichte, agus cha b’ iongnadh ged a bhiodh a’ mhòr- chuid den t-sluagh toilichte an taghadh a bhith seachad.

Ach ‘s neònach gun tig sìth eadar na prìomh thagraiche­an agus cuid den dlùth luchd-taice, chaidh cus càinidh is droch-bheul a thilgeil eatarra.

An e ladarnas a th’ ann dhòmhsa neo do dhuine sam bith eile taobh a-mach nan Stàitean a bhith a’ toirt beachd air gnothaiche­an poilitigea­ch Ameireagai­dh?

Aig deireadh cùise ‘s ann aig an t-sluagh mhòr Ameireagan­ach a bha an co- dhùnadh ri dhèanamh, ged a bhiodh cuid againne ann an dùthchanna­n eile ga mheas annasach gur iad dithis aig an robh le chèile uimhir de dhroch chliù airson caochladh adhbharan a chaidh an cur air adhart airson na dreuchd as àirde nan dùthaich.

Ach ‘s i seo cuideachd tè de na dreuchdan as àirde agus as cumhachdai­che san t-saoghal, agus sin an t-adhbhar dha daoine air feadh an t-saoghail ùidh a ghabhail anns an taghadh seo, agus theagamh dragh a ghabhail cuideachd.

Tha mòran ann an Ameireagai­dh air a bhith ag ràdh anns na meadhanan gum bheil siostam riaghlaidh na dùthcha aca air fàs coirbte agus gum bheil e cus fo smachd bhuidheann beag den aon teaghlaich­ean agus gun robh taghadh Dhòmhnaill Trump, a bha bho thaobh a-mach na buidhne sin, na dhearbhadh air mì-riarachas luchd-bhòtaidh.

Aig àm sgrìobhaid­h seo chan eil fios agamsa de bhuil a bhios air an taghadh, a rèir nan tomhas bheachd tha an taic dha Hillary Clinton agus Dòmhnall Trump an ìre mhath co-ionann.

Ach chan eil teagamh nach fhaicear buaidh co- dhùnaidh mhuinntir Ameireagai­dh air margaidean ionmhais an t-saoghail, agus gu ìre air choreigin bidh buaidh aig na gluasadan sin oirnne uile cuideachd. AS I WRITE opinion polls are placing Hillary Clinton and Donald Trump equal in the fight to win one of the world’s most powerful positions.

Reading this, you will know the outcome of what has been described as the bitterest presidenti­al campaign in United States history, and the decision of American voters will impact the world to some degree.

We pray it will be for better.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom