The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul

BLIADHNA MHATH ÙR dhuibh uile agus mòran dhiubh!

‘S iomadh rud a b’ fheàrr leam fhaicinn na Ameireagai­dh is an Ruis a’ maoidheadh air càch a chèile às ùr, agus ged ‘s fhurasta a thuigsinn carson a bhiodh Barak Obama mì-thoilichte ma tha dearbhadh aige gun robh an Ruis a’ feuchainn ri buaidh a thoirt air taghaidhea­n Chinn-suidhe Ameireagai­dh, tha e doirbh fhaicinn dè am feum a tha e a’ dèanamh le bhith a’ cruthachad­h sgaraidhea­n dioplòmasa­ch ‘s gun aige ach beagan sheachdain­ean air fhàgail na dhreuchd. Tha e a’ toirt cothrom dha Trump e fhèin a nochdadh mar ghleustair eadar-nàiseanta, gu cinnteach ìomhaigh nach do choisinn e gu ruige seo, nuair a ghabhas esan thairis agus a nì e aonta ùr le Putin agus an Ruis.

‘S dòcha gun robh cuid agaibh mar a bha sinne a’ cur seachad ùine laghach cuide ri oghaichean thairis air àm Nollaige agus suas chun na Bliadhn’ Ùire, agus dh’fheumamaid greis a thoirt a’ cluiche caochladh gheamannan cuide riutha. Bha aon ghèam a fhuair an òigridh againne a bha ag adhbharach­adh fìor spòrs, agus b’ e sin fear anns am bheil gach cluicheada­ir a’ cur frèam plastaig nam beul a tha a’ cumail an lipean bho chèile is iad a’ leughadh fhaclan feuch an tuig buill eile an sgioba aca dè tha iad ag ràdh. Chun am feuchar e ‘s gann a chreideas tu cho doirbh ‘s a tha cuid a dh’fhaclan aithris nuair nach eil comas agad do bheul a dhùnadh anns an dòigh àbhaisteac­h, agus gu dearbh tha cuid de fhuaimean air nach amais thu idir! Aig an aon àm, agus gu h-iongantach, mar a bu trice bha sinn ga chluich ‘s ann a b’ fheàrr a bha sinn a’ tòiseachad­h ri càch a chèile a thuigsinn, car mar gun robh sinn ag ionnsachad­h cànan ùr.

Bhuail e orm gum bu mhath nan amaiseadh luchd-poilitigs an t-saoghail air èisteachd nas dùrachdaic­he ri càch a chèile anns a’ bhliadhna ùr seo ach an tòisichead­h iad ri rùintean a chèile a thuigsinn. Bhiodh leithid de thuigse na bhunait airson an tuilleadh deasbaid air mar a b’ fheàrr cùisean an t-saoghail a ghluasad air adhart ann an dòigh a bhiodh sìtheil agus buannachda­il dhan chruinne- cè. Cha chreid mi nach e sin mo phrìomh dhùrachd dhan t-saoghal bho thoiseach 2017 air adhart, agus ged ‘s dòcha a chanas cuid gur e amas gun dòchas a th’ ann, saoilidh mi mar a bi amas againn a dh’ionnsaigh co-luadar sìtheil tha fios is cinnt nach tachair e! A GAME WE ENJOYED with grandchild­ren over the festive period involved attempting to identify words spoken by a competitor wearing a plastic frame in their mouth which prevented normal enunciatio­n. Great fun, and it was surprising how quickly we became accustomed to new sounds and learned to understand them.

For 2017 and forwards I wish that world leaders might listen, understand, and cooperate in the best interests of mankind and his environmen­t!

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom