The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

THA MI AIR SGRÌOBHADH uair neo dhà roimhe mu ar n-eòlas teaghlaich air buaidh oillteil an tinneis alzheimer’s, an tinneas as bitheanta a tha ag adhbharach­adh boile (dementia). Chan eil leithid ann ri “tinneas math” ach saoilidh mi gum bheil boile a tha a’ bleith air falbh cuimhne, tuigse, ciall, agus cothrom bodhaig, cho sònraichte dòrainneac­h fhulang agus fhaicinn ri tinneas a th’ ann. Tha an euslaint seo a’ goid air falbh neach air an robh càirdean eòlach agus gaolach, agus a’ fàgail choigreach ann an cruth an neach sin.

Coigreach aig nach eil cuimhne, aithne, neo tuigse sam bith orra.

Bho chionn greise a-nise tha dotairean air a bhith làidir den bheachd gum bheil cuid de chleasan spòrs anns am bheil cluicheada­irean a’ faotainn bhuillean mun cheann buailteach cur ri cunnart gun tig boile air na daoine sin.

Tha an aon seòrsa fianais air tighinn à rannsachai­dhean co- cheangailt­e ri buaidh cuid de dh’obair shaighdear­achd. Tuigear mar sin carson a bhiodh sabaid- dhòrn (dòrnadh, neo dòrnachadh, mar a theirte uaire- igin!), rugbaidh, agus ball- coise fo amharas sònraichte, ged a tha caochladh chleasachd eile leithid iomain fon phrosbaig cuideachd. Tha luchd-riaghlaidh rugbaidh am measg cuid de spòrsan a tha toirt taic dha obair-rannsachai­dh air alzheimer’s ach tha gearain a’ fàs a thaobh ‘s nach eil ball- coise, an spòrs as beartaiche dhiubh sin air fad ann am beachd mhòran, idir a’ dèanamh gu leòr.

Tha e follaiseac­h carson a bhiodh luchd-rannsachai­dh airson cuimseacha­dh gu sònraichte aircluiche­adairean a tha ealanta leis na buillean- cinn, a tha cho deatamach anns an spòrs seo ach a dh’fhaodadh aig an aon àm a bhith gan dochann gun fhiosta dhaibh. Ged a dh’iarradh cuid cur às dha buillean- cinn gu tur ann am ball- coise, saoilidh mi nach gabh sin dèanamh ann an gèam sam bheil an cleas seo air a bhith cho fada na chomharra air sàr ealantas chluichead­air, gun iomradh air na tadhail a bhuannaich leithid de bhuillean.

Mar a bhiodh dùil, tha rannsachad­h a’ dol air adhart gus feuchainn ri tuigse agus leigheas a lorg air alzheimer’s ach tha feum daonnan air barrachd taic ionmhais gus an obair a ghreasad, agus ma tha ceàird neo curseachad àraid a thathas den bheachd a tha a’ cur ris an èiginn, tha fhios gum biodh e iomchaidh agus ceart gun cuireadh iad sin taic ri iomairt gus faothachad­h a lorg. Saoilidh mi gum bheil dleastanas moralta air saoghal ball- coise taic a thoirt, oir mar a tha fìor a thaobh iomadh tinneis, tha mìltean a gheibheadh buannachd an- dràsta fhèin gun ghuth air ginealaich­ean a tha ri tighinn! IRRESPECTI­VE OF WHETHER one accepts evidence linking contact sports such as boxing, rugby and football to increased risk of dementia, most reasonable people accept that a cure for this tragic wasting illness could prevent thousands from suffering.

Heading is a measure of talent in football, widely recognised as one of the wealthier sports, and it surely has a moral responsibi­lity to support alzheimer’s research.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom