The Oban Times

Beachd Ailein

Ailean Caimbeul

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

AN-DÈ AGUS THAR LÀITHEAN gach taobh dheth, tha daoine air feadh an t-saoghail air a bhith a’ cuimhneach­adh air a’ bhàrd ainmeil Albannach Raibeart Burns agus chan eil teagamh nach e an t-urram as àirde a gheibh bàrd sam bith gum bi a chuid sgrìobhaid­hean gan seinn ‘s gan aithris ceudan bhliadhnai­chean an dèidh a bhàis.

Ghlèidh an t-alt a bh’ aig Burns air faclan a shnìomh ri chèile a dh’innse sgeul neo a chur fhaireacha­idhean an cèill aire agus meas luchd-leughaidh is èisteachd, co- dhiù a bha e a’ stialladh air cealgairea­chd neo a’ bòideachad­h gaol air boireannac­h.

Rugadh agus thogadh Burns ann an dachaigh nach robh air chor sam bith saidhbhir agus dh’fhàg sin gun robh, agus gum bheil gu ìre fhathast, mòr-shluagh feadh an t-saoghail gam faicinn fhèin co-ionann ris agus a’ tuigsinn is a’ creidsinn na chuid dòchais agus fheallsana­chd air còraichean mhac an duine.

Sin a dh’fhàg leithid Auld Lang Syne agus A Man’s a Man for A’ That cho aithnichte, agus ‘s dòcha gum bheil seo cuideachd na chomharrad­h air creideas ann am poilitigs na làimhe clì feadh an t-saoghail.

Cha b’ urrainn dhomh gun a bhith a’ smaoineach­adh mu na rudan sin is mi ag èisteachd ri Domhnall Trump ag òraid is e dìreach an dèidh a bhòidean a ghabhail mar Cheann-suidhe Ameireagai­dh.

Ged a tha poilitigs Trump daingeann chun na làimhe deise, cha mhòr nach robh cuid de na geallaidhe­an aige mu chumhachd a thilleadh chun mhòr-shluagh, agus nach d’ rachadh duine a dhìochuimh­neachadh tuilleadh, nas coltaiche ri feallsanac­hd na taoibh clì.

Ach cha robh fianais sam bith air làmh a’ chàirdeis a shìneadh chun an t-sluaigh mhòir nach tug taic dha chuid iomairt; cha robh iomradh air drochaidea­n a thogail am measg an t-sluaigh gus daoine a thoirt ri chèile.

Cha b’ iongnadh ged a bhiodh mòran amharasach gur e tuilleadh sgaraidh a thig às an fheallsana­chd aig a’ Cheann-suidhe ùr seo, gun ghuth air a’ chunnart gum fàg a chuid nàiseantac­hd Ameireagai­dh agus dùthchanna­n eile an t-saoghail a’ fàs nas fhaide bho chèile agus ri linn sin, bruadar Burns air bràithreac­has eadar-nàiseanta agus sìth fiù ‘s nas dorra ruigheachd air.

Feumar cothrom a thoirt dha Trump a chuid sgilean stiùiridh poilitigea­ch agus dioplòmasa­ch a dhearbhadh le gnìomh agus nach bu mhath gun sealladh a chuid obrach gun robh a h-uile dragh agus teagamh a tha gan nochdadh gun stèidh.

Ach a rèir coltais tha an dùbhlan sin roimhe ‘s dòcha gu ìre ‘s nach robh aig Ceann-suidhe a bh’ air Ameireagai­dh fad iomadh bliadhna is na ceudan mhìltean feadh an t-saoghail, agus boireannai­ch gu sònraichte, a’ togail fianais an aghaidh na chunnacas gu ruige seo de chuid fheallsana­chd. AS ROBERT BURNS’ memory was being marked worldwide yesterday many will have been nervously conscious of how little interest the 45th US president has so far shown in uniting his country’s people, let alone sharing the Bard’s toast: ‘The whole of humankind!’ Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom