The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

DIARDAOIN SEO CHAIDH chaidh tagradh le còrr air dà cheud mìle ainm a shìneadh dha oifigich aig Sràid Downing ag iarraidh urram a bhuileacha­dh air Seòras MacIain an aon bhall a th’ air fhàgail beò de Sguadran 617 nam Dam Busters a sgrios trì damaichean anns a’ Ghearmailt air an 17 Cèitean 1943.

Bha e cho doirbh ionnsaigh a thoirt aig Möhne, Eder agus Sorpe ri linn talamh àrd is gun deach am ‘boma bocadaich – bouncing bomb’ aig Barnes Wallis a leasachadh airson feuchainn orra.

Tha eachdraidh a’ dearbhadh mar a shoirbhich leis an ionnsaigh, agus a’ ghaisge aig daoine òga a’ coileanadh ruathar-adhair an aghaidh brasshruth urchair bho ghunnaiche­an dìon.

Ach bu daor a cheannaich Sguadran 617 na bhuinnig iad is faisg air leth nan itealan agus caogad ‘s a trì duine air an call.

Chaidh urram Crois Bhictoria a bhuileacha­dh air Guy Gibson, ceannsalac­h an Sguadrain, ach ged a dhearbh Barnes Wallis a chuid ealantachd leis a’ bhoma bocadaich, bha a chuid toileachai­s à sin air a mhilleadh gu mòr le aithne air na chaill am beathannan anns an ionnsaigh.

Saoilidh mi gum bheil e ceart gun tèid gaisge ann an cogadh, agus gu sònraichte aig àm sìthe, aithneacha­dh gu poblach agus ma tha creideas gu bhith aig siostam urraman na dùthcha seo, tha fhios gum bheil Seòras MacIain airidh air aithne.

Aig an aon àm chanadh mòran le làn- cheartas gun robh mìltean a nochd gaisge ann an cogaidhean nach d’ fhuair aithne, ‘s dòcha gun robh an àireamh ro mhòr dhan t-siostam.

Tha MacIain ceart le bhith ag ràdh gum bi dad sam bith a thèid a bhuileacha­dh airsan na urram dhan a h-uile neach a thug seirbheis ann an Sguadran 617.

Thug seo orm fhìn smaoineach­adh às ùr air cho beag còmhraidh ‘s a dhèanadh leithid m’ athair air na chunnaic is na dh’fhuiling e sa chogadh, agus tha fhios gum bheil iomadach teaghlach eile aig am bheil an aon fhianais.

Ach tha mise air tighinn chun a’ cho-dhùnaidh gur e bu choireach dhan t-sàmhchair sin gun robh daoine a’ feuchainn ris na chunnaic, na dh’fhuiling, is na rinn iad a chur às an cuimhne.

Mar eisimpleir, aon iomradh air comhailtea­chd iargalta dhan Ruis aig àm an Dàrna Cogaidh a chuala mi bhom athair, sealladh a tha fios agam a mhair leis fad a bheatha, b ’e sin uamhas a bhith a’ seòladh tancair tro mhuir a bha na teine le ola shoithich a chaidh a cur fodha is e a’ faicinn ‘s a’ cluinntinn dhaoine anns an uisge nach b’ urrainn dha a chuideacha­dh. Cha b’ iongnadh leithid a chuimhne na trom-laighe!

LAST THURSDAY a 200,000-signature petition was submitted to Downing Street asking that 95-yearold George Johnson, the last survivor of the 1943 617 Squadron Dam Buster raids, be honoured.

I believe he should, because Johnson has stated that any honour he receives will be for his squadron and former colleagues.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom