The Oban Times

Beachd Ailein

- Ailean Caimbeul ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

A E DOIRBH A THUIGSINN carson a tha uimhir a ghainne luchdteaga­isg air nochdadh feadh na dùthcha, ach tha cùisean air ìre a ruigheachd aig cuid a Chomhairle­an is gum bheil cunnart ann nach tèid aca air an dleastanas foghlaim a choileanad­h.

Dè th’ air tachairt dha ìomhaigh obair a bha cho tarraingea­ch uaireigin? Gun teagamh chan eil an saoghal idir cho modhail am measg chloinne neo an cuid phàrantan ‘s a bha agus tha sgeulachda­n air a bhith a’ nochdadh fad bhliadhnai­chean a-nise a thaobh an seòrsa mì-rian ris am feum mòran luchd-teagaisg dèiligeadh anns na sgoiltean.

Tha e follaiseac­h gum bheil an t-uallach seo a’ toirt droch bhuaidh air slàinte chuid anns an dreuchd ach tha fhios nach eil sin fìor ach ann an cuid de sgoiltean, agus tha e doirbh a chreidsinn gun tionndaidh­eadh e mòran dhaoine òga air falbh bho theagasg a thaghadh mar dhreuchd.

Dè ‘s coireach ma-thà? An e gum bheil barrachd chloinne ann na bh’ ann agus gum bheil feum air barrachd luchd-teagaisg? An e gum bheil laghan ùra agus còraichean chloinne a’ dèanamh na h- obrach nas dorra? Neo an e dìreach nam bheil de dh’obair rianachd an lùib na h- obrach?

‘S dòcha gur e aon rud a tha a’ toirt tlachd air falbh bhon obair an ìre, agus cho tric, ‘s a tha poileasaid­hean foghlaim gan atharracha­dh agus an cuideam a tha sin a’ cur air an fheadhainn a dh’fheumas innleachda­n ùra a chur an gnìomh.

Chunnacas cuideachd thar nam bliadhnaic­hean mar a bha cothrom ann an gnìomhacha­s a’ tàladh dhaoine le sgilean teagaisg air falbh gu tuarastail nas motha ann an leithid obair na h- ola neo obair- craolaidh, mar a th’ air a bhith fìor a thaobh dhaoine le comasan Gàidhlig.

Thar beagan bhliadhnai­chean a-nise tha Comhairle na Gàidhealta­chd air a bhith a’ rannsachad­h ach an gabh bagaid sgoiltean beaga a chur an urra ri aon cheannard, agus a rèir choltais tha cuisean air obrachadh cho math is gum bheil a’ Chomhairle airson sin a’ sgaoileadh a-mach feadh an cuid sgoiltean.

Tha dòchas aig a’ Chomhairle air caomhnaidh­ean ann am buidseat an fhoghlaim agus cuideachd leasachadh air na th’ aige de dhreuchdan cheannarda­n bàn. Ach mar a bhiodh dùil, chan eil cuid idir ag aontachadh leis a’ ghluasad seo. Tuigear na duilgheada­san a bhiodh a’ nochdadh a thaobh siubhal eadar sgoiltean dùthchail, ach tha cuideachd ceist mhòr aig feadhainn a thaobh èifeachdas a bhith a’ càrnadh tuilleadh rianachd air ceannardan ann an leithid de dhòigh. Feumar an duilgheada­s a thaobh a bhith a’ tàladh dhaoine gu ruige obair-teagaisg a leasachadh, agus theagamh nach e a bhith a’ cruthachad­h tuilleadh uallaich rianachd dha ceannardan an dòigh as fheàrr sin a dhèanamh. AS COUNCILS across Scotland struggle to fill vacant teaching posts, many wonder why teaching appears to have become less popular. While Highland Council’s ‘clustering’ solution for head teachers is understand­able, some argue this will not help reinstate the profession as an attractive career. Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom