The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

THA AN DÀRNA MÌOS den bhliadhna gu bhith seachad agus gu ruige seo co-dhiù ‘s e fìor dheagh gheamhradh a th’ air a bhith againn! Gu dearbh tha an aimsir air a bhith cho tlàth is gun robh caraid ag ràdh rium ‘s e ri spòrs (tha mi a’ smaointinn!) gun robh e am beachd buntàta a chur!

Chan eil e na iongnadh ge-tà gum bheil cuid a’ rabhadh nach eil an geamhradh seachad agus gum faodadh droch shìde agus sneachda tighinn cruaidh oirnn fhathast, ach ged a tha sin ceart tha sinn air stairsich an earraich agus an latha a’ sìneadh is sunnd dhaoine a’ togail às ùr.

Saoilidh mi gum bheil fiù ‘s na h-eòin bheaga air am mealladh leis an tlàths is iad a’ ceilearadh is a’ nochdadh ùidh neadachaid­h.

Seo an t-àm den bhliadhna aig am b’ àbhaist dha daoine bhith bruidhinn air “crainnteac­hd (neo crainntidh­eachd) an earraich”. Bho thoiseach a’ Ghearrain bhiodh dùil ri gaoth fhuar bhon ear a thiormaich­eadh an talamh, agus le beagan reothaidh an cois sin bha cùisean mòran na b’ fhasa airson innearadh.

Bha sin gu sònraichte fìor dhan fheadhainn a bhiodh ag obair le eich is cairtean is na cuibhliche­an caola cartach cho buailteach gearradh tro uachdar na talmhainn is a dhol am bogadh. Gu dearbh bha an aon rud fìor fiù ‘s nuair a thòisich tractaran air nochdadh air croitean, ach bha a’ chrainntea­chd a’ mairsinn beagan sheachdain­ean anns an àbhaist agus bhiodh obair-deasachaid­h an earraich dèanta gu sgiobalta glan ri linn na tiormachd.

Ach càit’ an deach crainnteac­hd an earraich? Chan eil cuimhn’ agam cuin a chunnacas beagan sheachdain­ean de thiormachd den t-seòrsa aig an àm seo den bhliadhna, agus gu cinnteach tha sin na dhearbhadh eile air mar a tha an aimsir againn ag atharracha­dh.

Ach ma ghabhas samhla dèanamh leis tha gun teagamh crainnteac­hd gu math fuar agus goirt a’ bualadh a-rithist air buill, luchd-obrach, agus luchd-pàighidh chìsean chomhairle­an na dùthcha. Ged a thàinig crìoch air an reothadh a chuir an riaghaltas air cìsean comhairle Alba agus ged a dh’fhaodas iad suas gu trì sa cheud de dh’àrdachadh a chur an sàs, feumaidh iad fhathast a rèir choltais an tuilleadh ghearraidh­ean millteach a dhèanamh nan cuid sheirbheis­ean.

Leis a’ mhòr-chuid againn gu bhith a’ pàigheadh barrachd airson nas lugha de sheirbheis bho riaghaltas ionadail agus nàiseanta cha b’ iongnadh cuid a bhith a’ faighneach­d càit am bheil am fàsgadh seo dol a chrìochnac­hadh. Am bheil latha a’ tighinn far am bi a h-uile seirbheis gan ruith à Dùn Èideann? OLDER people will recall cold dry periods during February and March much valued by crofters and farmers for early spring work, but the fact that this is a mere memory is further evidence of climate change. As Scotland’s local government members, employees and taxpayers experience the uncertaint­y of further cuts, it is little wonder that some are now asking if all services will ultimately be managed from Edinburgh. Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom