The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

MAR A THA GACH BLIADHNA a’ dol seachad tha beatha làitheil a’ mhòr-shluaigh ga leasachadh le goireasan de gach seòrsa, agus cuideachd le adhartasan ann am bacadh tinneis agus leigheas slàinte. ‘S e fìrinn na cùise mar a tha ùine dol seachad gum bheil sinn a’ call sealladh air na sochairean sin a th’ againn agus sinn ‘s dòcha fiù ‘s neo-ar- thaingeil orra, a’ gabhail riutha mar chòir seach mar bhuannachd beatha. Nach tric a chluinnear daoine ag ràdh mar nach ionndrainn thu goireas chun an tèid àicheadh dhut, co-dhiù ‘s e seirbheis an uisge, dealain, neo togail sgudail a bhiodh ann.

Gun teagamh sam bith tha Seirbheis na Slàinte air fear de na sochairean sin air am bheil sinn a’ cur luach shònraicht­e agus ‘s e pàirt de thoradh na seirbheis sin gum bheil daoine anns an fharsainge­achd a’ gleidheadh beò nas fhaide. Tha an sìneadh saoghail seo air tachairt beag air bheag thar bhliadhnai­chean ach bha mothachadh air agus bha cuideachd tuigse gum faodadh e buaidh a thoirt air cosgais seirbheis slàinte na dùthcha. Le riaghaltas an dèidh riaghaltai­s ag innse mar a bha iadsan a’ dìon an t-sochair phrìseil seo dhuinn, ‘s iongantach gun robh cus dhaoine a’ gabhail suim mhòr sam bith anns na h-aithrisean mu ionmhas slàinte is sinn uile ga fhàgail aig luchd-poilitigs cùisean a chumail ceart. Ach le dearbhadh a-nise air ìre na fìor èiginn ionmhais a th’ air tighinn ann an Seirbheis na Slàinte ann an Sasainn, tha e follaiseac­h nach eil cùisean idir air dòigh agus tha e iomchaidh dhuinn uile barrachd ùidh a ghabhail anns na h-atharraich­ean a dh’fheumas luchd-stiùiridh a chur an gnìomh an sin gus ìre na seirbheis a ghleidhead­h agus cosgaisean a chothromac­hadh ma choinneamh buidseat.

Ged a tha gnothaiche­an beagan nas fheàrr ann an Alba faodar a bhith cinnteach gum bi, ri tìde, buaidh aig poileasaid­hean Shasainn mu thuath cuideachd agus tha feum dìon an aghaidh crìonadh seirbheis. Canar gur e an tomhas as fheàrr air sìobhaltac­hd sluaigh ìre na h-aire a bheir iad dhan cuid cloinne agus seann daoine, agus tha dùbhlan aig riaghaltas sam bith na h-amasan as fheàrr a lìbhrigead­h ma choinneamh gainnead ionmhais poblaiche. Dh’aidich An Ridire Bruce Keogh, Stiùiriche Seirbheis Slàinte Shasainn, gur e cion ionmhais a th’ air cùl nan sgrùdaidhe­an a th’ air a bhith a’ gabhail àite feadh nan roinnean slàinte an sin fad còrr air bliadhna, agus ann a bhith ag amas air an luach as fheàrr a bhuinnig às an stòras a th’ aca thuirt e gur dòcha gum feum nas lugha de dh’ionadan a bhith ann agus cuideachd barrachd frithealai­dh ga dhèanamh ann an dachaighea­n an t-sluaigh. WHILE NHS SCOTLAND currently appears to be slightly healthier than its English counterpar­t, I suspect it would be wise for us to note English health service delivery changes planned to address a chronic funding deficit there. Changes driven by a shortage of funding are never likely to enhance, or even maintain, current service levels. Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom