The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

DÈ AN COMHARRA a b’ fheàrr air leasachadh sìde agus toiseach an earraich na seillean mòr air doras-aghaidh an taighe an- diugh sa mhadainn.

Le aimsir a’ fàs nas coltaiche tha mi air a bhith a’ cuimhneach­adh mar a bhiodh, ri àm m’ òige, fir a’ bhaile a’ cur faobhar ri sgèinean nan toirsgeir (iarainn-mhòna a chanadh sinne) is àm buain na mòna a’ teannadh dlùth. Fada roimhe sin bhiodh a’ mheirg air a cur far nan spaidean is a h-uile oisean talamh-àitich air a ruamhar gu mionaideac­h le todhar innearach ga phasgadh fodha.

Bha creideas mòr aig daoine ann an todhar feamad cuideachd, agus ‘s iomadh neach a bha claoidhte a’ slaodadh brùchd bhon chladach le cliabh gus làrach cur buntàta a chòmhdach toiseach a’ gheamhraid­h. Le eòlas ghinealaic­hean aig daoine a bha air a bhith ag obair gun tractar neo fiù ‘s each bha fios aca gun robh brùchd cuideachd sònraichte math airson talamh làidir a phronnadh agus a dhèanamh nas fhasa a thionndadh.

Far an robh cruitean gu math beag aig mòran, dh’fheumte a h-uile òirleach a chur gu feum agus tha cuimhn’ agam mar a bhiodh cuid a’ ruamhar nan ceannamhag­an air am biodh na h- eich a’ tionndadh leis a’ chrann.

Dh’fhàs cùisean na b’ fhasa nuair a thòisich tractaran ri nochdadh ach bha leithid am Fordson trom agus mì-shùbailte ri leithid treabhadh agus dh’fheumadh e fiù ’s barrachd ceannamhag na each, agus air iomadach cruit cha robh farsaingea­chd den t- seòrsa sin ri lorg.

‘S ann nuair a thàinig am ‘Fergie Beag Glas’ toiseach naoi- deug is na caogadan a fhuair croitearan agus tuathanaic­h bheaga an t-saoghail an cuideachad­h a bu mhotha, agus tha buannachd na h-innleachd aig an Èireannach Harry Fearghasda­n a’ leantainn chan ann a-mhàin anns na seann tractaran glasa a tha a’ dol fhathast ach ann an tractaran ùra cuideachd.

‘S e duine beag a bh’ anns an Fhearghasd­anach agus a’ fàs suas air tuathanas faisg air Beul Feirste ghabh e gràin shònraicht­e air treabhadh le eich. Cha b’ e a-mhàin na h-aona mìle deug a dh’fheumadh

treabhaich­e a choiseachd gus acaire talmhainn a threabhadh, ach an spàirn throm a bh’ air a’ tiùireadh agus a’ cothromach­adh a’ chruinn.

Thug Harry bliadhnaic­hean a’ dealbhadh am ‘Ferguson system’, ach le innleachd a thug cothrom dhan tractar innealan leithid cruinn is gearradair­ean-feòir a thogail is an giùlan, thog Harry cuideachd tomhas mhòr den eallach a bh’ air luchdobrac­h fearainn.

Bhiodh mo charaid Dòmhnall MacLeòid nach maireann à Baile a’ Chaisteil ag ràdh gun d’ rinn Harry Fearghasda­n barrachd dha croitearan agus tuathanaic­h bheaga na rinn duine eile riamh.

ONE of my earliest childhood memories is the screech of gulls following the plough of a grey Ferguson tractor and the scent of its paraffin fuel on the air.

The Board of Agricultur­e helped by providing the tractors, but it was the ingenuity of the Irish engineer Harry Ferguson which delivered a lasting benefit to crofters and small farmers world-wide.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom