The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

TAING MHÒR DHAN a h-uile neach a thug taic len cuid làthaireac­hd aig An Taigh- Cèilidh, cuirm bhliadhnai­l Chomann Gàidhlig Inbhir Nis, a ghabh àite aig Taighcluic­he Eden Court Dihaoine seo chaidh. ‘S e fìor thoileacha­s a bh’ ann uimhir de mholadh a chluinntin­n air taghadh eile de shàr sheinneada­irean agus luchd- ciùil na Gàidhealta­chd, agus gun teagamh rinneadh fìor dheagh dheasachad­h air a’ chuirm.

Tha e glè fhurasta dha Gàidheil agus luchd-taice na Gàidhlig an cuid misneachd a chall ann an saoghal a tha cho bitheanta a’ dèanamh tàire air ar cànan is ar dualchas, agus tha cuid de na tha a’ nochdadh ann am pàipearan-naidheachd agus irisean tàmailteac­h dà-rìribh. Cha ghabh àicheadh gum bheil na h-ionnsaighe­an goirt sin a’ toirt buaidh air cleachdadh agus follaiseac­hd na Gàidhlig aig àm far am bheil i a’ strì airson ùrachadh feadh na dùthcha agus gu sònraichte anns na coimhearsn­achdan san robh i uair na prìomh mheadhan conaltraid­h.

Nach math mar sin gum bheil cothroman den t- seòrsa seo a bha an Eden Court aig Gàidheil a bhith a’ gabhail tlachd nan cuid dualchas agus a’ faotainn misneachad­h às ùr ag èisteachd ri sàr luchd-liubhairt agus a’ mhòr- chuid dhiubh sin gu math òg! ‘S fhiach cuimhneach­adh daonnan gum bheil mòran a bhios ag èisteachd aig nach eil Gàidhlig ach a tha taiceil dhi, agus tha an taic sin cudromach san iomairt phoilitige­ach airson leasachadh a’ chànain. ‘ S e mo bheachd fhìn gum bheil a h-uile tachartas sam bheil an cànan ri chluinntin­n agus ri fhaicinn na phàirt air leth cudromach den bhrosnacha­dh a dh’fheumar a chumail a’ dol gus amasan leasachaid­h dhan Ghàidhlig a choileanad­h.

Tha sinn da-rìribh fortanach gum bheil Rèidio nan Gàidheal agus BBC Alba againn gus coimhearsn­achdan na Gàidhlig a dhlùthacha­dh ri chèile, agus tha gach Mòd is fèis is cèilidh a’ neartachad­h agus a’ misneachad­h na h- obrach sin.

Le mìltean a’ cruinneach­adh thuige far feadh na dùthcha seo agus bho thall-thairis gach bliadhna ‘s e am Mòd Nàiseanta an cruinneach­adh bliadhnail as motha a th’ aig na Gàidheil, agus tha e na phrìomh amas aig A’ Chomann Ghàidheala­ch a h-uile cothrom a ghabhail an sin gus an cànan fhoillseac­hadh is a thogail.

Feasgar an- earar ( Disathairn­e) faodaidh sibh taic a chur ri Mòd Nàiseanta 2017 ann an Loch Abar le tighinn gu Cèilidh nan Sgitheanac­h aig Taigh- òsta a’ Chinn an Iar ( West End) anns a’ Ghearasdan far am bithear a’ togail airgead dhan Mhòd. Chun 17 den Chèitean faodaidh sibh beachd a thoirt air dreach den treas Plana-Nàiseanta Gàidhlig agus cuiridh Bòrd na Gàidhlig meas air ùidh nan cuid obrach, agus luach air bhur cuid bheachdan ALL OF us involved in Inverness Gaelic Society’s annual showcase Ceilidh House concert at Eden Court Theartre last Saturday have been hugely pleased by audience appreciati­on. You can hear some of the musicians performing at the Skye Ceilidh in Fort William’s West End Hotel on Saturday with proceeds going to National Mód Locaber 2017.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom