The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ai ean aimbe A an ampbe ai ean@obantimes.co. k

BHA CEANN-BLIADHNA AGAM Diciadain seo chaidh agus cha dìochuimhn­ich mi an latha a’ chiad ghreis. Mar is àbhaist fhuair mi cairtean agus tiodhlacan gasta bho mo bhean ‘s an teaghlach, agus dùrachdan bho thall ‘s a bhos, agus bha sin air leth taitneach.

Ach ‘s e am prìomh adhbhar a leanas an latha na mo chuimhne gur e sin an latha air an do thòisich sgaradh Bhreatainn bhon Aonadh Eòrpach, gu h- oifigeil. Gun teagamh sam bith ‘s e latha eachdraidh­eil a bha seo dhan rìoghachd agus na mo bheachd phearsanta toiseach sgaraidh a dh’fhaodadh a bhith gu math cosgail ann an iomadach dòigh dha sgìrean iomallach na dùthcha, leithid a’ Ghàidhealt­achd is na h-Eileanan.

Mar a tha seanfhacal ag ràdh, tha cothrom an lùib gach trioblaid agus tuigear gun dragh nach robh poileasaid­h iasgaich na Roinn Eòrpa math sam bith do dh’iasgairean Alba, is cus cothrom aig bàtaichean à dùthchanna­n eile anns na raointean iasgaich againn. Mar sin tha còir gum bi gnìomhacha­s an iasgaich againn nas treasa nuair a dhealaiche­as sinn bhon Aonadh Eòrpach, ach tha duilgheada­s air fàire ma thèid bacadh air cead- cosnaidh dha daoine bho thall thairis a bhith nam buill de sgiobaidhe­an bhàtaichea­n-iasgaich an seo.

Saoilidh mi cuideachd gum bheil deagh adhbhar dragh a bhith aig tuathanaic­h agus croitearan a thaobh dè an seòrsa taice a bhios ann dhaibhsan às aonais airgead Eòrpach fiù’s ged nach biodh ionmhas poblach na dùthcha cho gann ‘s a tha e. ‘S e fìrinn na cùise gum bheil an Roinn Eòrpa air a bhith glè bhuannachd­ail dhuinne an seo ged nach biodh ann ach na chaidh a thogail de rathaidean, drochaidea­n, agus cidheachan, agus cha bheag na chuir Iomairt a h-Aon agus a liuthad sgeama leasachaid­h eile ri beatha nan coimhearsn­achdan againn. Bidh mi tric a’ faighneach­d dhìom fhìn cia mheud de na leasachaid­hean a fhuair sinn air Ghàidhealt­achd is as na h-Eileanan a bh’ air nochdadh mura b’ e gun robh ionmhas Eòrpach man coinneamh.

Ged a tha an Roinn Eòrpa air mòran biurocrasa­idh a chur ri ar beatha tha sinn cuideachd air buannachad­h à leithid Cairt Chòraichea­n a’ Chinne- daonna agus Cairt nam Mion- chànain, agus ag èisteachd ri cuid de bhlas phoilitigs na dùthcha an-dràsta, saoilidh mi gum bheil ceist mhòr ma choinneimh ìre dìon den t-seòrsa sin ann am Breatann taobh a-mach an Aonaidh Eòrpach. Gun teagamh mhiannaich­eamaid lùghdachad­h air biurocrasa­idh agus tha caochladh rudan co- cheangailt­e ri poileasaid­hean Eòrpach a dh’iarramaid a leasachadh, ach cha chuala mi argamaid fhathast a chur às a’ bheachd mi gum bheil sinn nas fheàrr mar bhall seach dealaichte. TRAVELLING in the Highlands and Islands, one cannot avoid awareness of the extent to which European funds have contribute­d to major improvemen­ts in infrastruc­ture, and I frequently wonder how much of this would have materialis­ed without European support.

Despite its bureaucrac­y and at times unhelpful policies, I believe the EU has been good for our area, and I have yet to hear any convincing argument for separation.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom