The Oban Times

Beachd Ailein

- Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk. ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

SAOILIDH MI NACH EIL CEÒL spioradail ann a bheir bàrr air sailm gan seinn sa Ghàidhlig anns an t-seann dòigh is an sluagh a’ leantainn fir a tha cur a-mach na loidhne.

Nuair a chluinnear leithid sin air làrach cogaidh mar raon aognaidh Chùil Lodair tha e sònraichte tiamhaidh, agus sin mar a bha Disathairn­e seo chaidh nuair a chuartaich Comann Gàidhlig Inbhir Nis an t-seirbhis cuimhneach­aidh bhliadhnai­l air a’ bhlàr mhillteach sin. ‘S e cùis iongnaidh a th’ ann a bhith a’ faicinn agus a’ cluinntinn dhaoine a th’ air siubhal bho dhùthchann­an feadh an t-saoghail gus a bhith an làthair aig Cùil Lodair airson co-latha a’ bhlàir a chomharrac­hadh.

Chan e sin a-mhàin ach thig iad air an èideadh ann an trusgain annasach a bhuineadh dhan àm, agus cuid fiù ‘s le armachd nan cois cuideachd. Bhiodh e furasta ‘s dòcha fàgail orra nach eil annta ach buamastair­ean faoine a tha gan cluich fhèin ann an sgeulachd Bhliadhna Theàrlaich, ach na mo bheachd fhìn ‘s e tha seo ach foillseach­adh air iomall den lìonra a dh’fhàs à eachdraidh cruadal nan Gàidheal agus a tha fhathast làidir anns na dùthchanna­n cèine sin. ‘S dòcha gum bu chòir dhuinn a bhith moiteil gum bheil daoine feadh an t-saoghail aig am bheil mothachadh cho làidir air an cuid freumhan teaghlaich agus eachdraidh.

Na ciad òraid mar Cheannard a’ Chomainn thug an craoladair ainmeil Jo NicDhòmhna­ill iomradh air gur i 2017 Bliadhna Eachdraidh, Dualchais, agus Arc- eòlais ann an Alba agus bhruidhinn i air cho iomchaidh ‘s a bha e cuimhneach­adh air na chaidh ìobairt aig a’ bhlàr agus an geur-leanmhainn a lean air feadh na Gàidhealta­chd. Chuir i cuideachd an cuimhne luchd- èisteachd an sgrios a rinn na thachair air cor agus dualchas nan Gàidheal, agus chomharrai­ch i gu sònraichte an cruaidh- chàs a thàinig air uimhir de bhoireanna­ich, agus an cuid cloinne, nuair a chaidh cèilean a chall. Dhealbhaic­h Jo seo gu h-inntinneac­h le taghadh de bhàrdachd a chaidh a sgrìobhadh le bana-bhàird an dèidh Blàr Chùil Lodair agus bhuail e orm fhìn gun robh na smuaintean seo cuideachd air leth iomchaidh aig àm far am bheil prìomh dhùthchann­an cumhachdac­h an t-saoghail air gluasad gu ìre bagradh cogaidh mar nach fhacas bho chionn còrr math air leth- cheud bliadhna nuair a bha Ameireagai­dh agus an Ruis a’ maoidheadh air a chèile a thaobh Chiùba.

Nach tric a chanadh mo sheanair Ailean Alasdair, a chaidh tron chiad chogadh anns a’ Chabhlaich Rìoghail, gun dèanadh amadan sam bith cogadh ach gur e duine glic a dhèanadh sìth. Bidh sinn an dòchas gun toir Nì Math gliocas dhan fheadhainn aig am bheil an cumhachd! IN HER chieftain’s speech at the Inverness Gaelic Society’s Battle of Culloden memorial service last Saturday, the respected Gaelic broadcaste­r Jo Macdonald spoke of the impact of war on women and children, and on culture.

This seemed a poignant warning when world superpower­s reach the highest levels of potential conflict since the 1962 Cuban crisis.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom