The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

SAOILIDH MI GUM BHEIL mìosan bho cheannaich mi sìol- cura a’ bhuntàta agus bidh e math fhaotainn dhan talamh mu dheireadh thall. Ged a bha an aimsir cuimseach math bha an talamh fliuch agus fuar gu ruige seo, agus gu dearbh tha luchd na h-aimsire a’ fàidheadai­reachd tuilleadh fuachd agus theagamh reothadh an t-seachdain seo fhèin.

Ach chan urrainn gum bheil earrach fada às is a’ chuthag gu bhith a’ gairm ann am beagan làithean ‘s an Cèitean gu bhith againn.

Bidh na h-oghaichean aig mo charaid Iain Ùisdean còmhla rinn aig a’ bhuntàta agus bidh mi tric a’ beachdacha­dh air cho buannachda­il ‘s a bha na dh’ionnsaich sinne uile a thogadh air an tuath. Fhuair sinn eòlas air an àrainneach­d agus air nàdar nach robh aig clann nam bailtean-mòra agus ged is dòcha nach do thuig sinn sin aig an àm, thug am fiosrachad­h sin tuigse luachmhor dhuinn.

‘S iomadh sgeul a chluinnear mu dhaoine òga agus inbhich aig nach eil cus tuigse air cò às a tha mòran de na tha iad ag ithe a’ tighinn, agus tha cuimhn’ agam turas ag iarraidh trosg slàn ann am bùth- èisg is fear na bùtha ag ràdh rium nach biodh fhios aig a’ mhòr- chuid den luchd- ceannach dè dhèanadh iad le iasg slàn.

Bhiodh m’ athair tric ag ràdh nach bu chòir gum fuilingead­h sluagh na dùthcha fìor bhochdainn fhad ’s a bhiodh iasg sa mhuir is maorach air tràigh, agus gun robh iad mar sin fortanach seach muinntir nam bailtean-mòra.

Nach math a-nise a bhith a’ faicinn teicneòlas ga chleachdad­h barrachd is barrachd gus foghlam cloinne a leudachadh le dealbhan beò gam biathadh bho thuathan gu ruige seòmraiche­an sgoile, agus clann a’ faicinn uain gam breith is mar sin air adhart.

Theagamh gum bi greis mun ruig an seòrsa innleachd sin a h-uile sgoil ach chan eil teagamh nach cuir leithid de dh’eòlas ri tuigse nan ginealaich­ean a tha romhainn air luach na h-àrainneach­d agus carson a tha e cudromach a dìon. Bu chòir dha bhith na amas gum bi a h-uile neach a’ gabhail cùram mun t-saoghal mun cuairt dhaibh. Ach mar a thuirt caraid dhomh uair is e an sàs ann an deasbad mun Ghàidhlig, tha fhios againn uile gum bheil daoine co-ionann ge b’ e dè an dath a dh’fhaodas a bhith orra ach tha feum air laghan gus an ceartas sin a ghleidhead­h. Chan eil teagamh nach eil burraidhea­chd nàdarra ann an gnè mhic an duine mar a tha e ann an ainmhidhea­n eile, agus bidh feum daonnan air laghan a bheir dìon dha còraichean mion- choimhears­nachdan leithid tè na Gàidhlig!

THOSE of us raised on crofts benefited hugely from what we learned of nature and I was delighted to see technology now being used to stream live pictures from farms into schools to enhance children’s understand­ing. It may take time to establish such links everywhere but there can be no doubt that such education will help future environmen­tal care.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom