The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

A’ RUAMHAR ANNS A’ GHÀRRADH an latha roimhe bha mi a’ cuimhneach­adh air faclan agus air gnathasanc­ainnte air an robh mi cho eòlach nam òige ach a th’ air an ìre mhath a’ dhol à bith an- diugh, agus gu dearbh a tha an cunnart a dhol à cuimhne.

Tuigear mar a dh’fhaodas leithid sin tachairt far an robh faclan a’ mìneachadh ghnìomhan agus innealan an lùib obair shònraicht­e san dachaigh, air a’ chruit, neo fiù ’s ann an obair làitheil sam bith far am bheil seann dòighean obrach air falbh agus innleachda­n ùra aig daoine air an son.

Mar eisimpleir saoil cò mheud duine an- diugh dham b’ aithne each a bheartacha­dh airson obair- cairteach neo gus a dhol a threabhadh neo a liuthad rud eile ris am bithte gan cleachdadh nuair a bha mise òg. Tha faclan mar srian; srathair; briogais; dromanach; agus greallag, agam fhathast ach tha mi air ainm mòran de dh’acfhainn nan each a chall thar nam bliadhnaic­hean.

Thachair sin ri linn gun d’ fhuair sinn tractar agus gun d’ fhalbh an t- each bàn mu dheireadh a bh’ againn. Bha sinn ga ionndrainn gun teagamh oir ‘s e peata a bh’ ann ach aig an aon àm bha sinn cho moiteil às an inneal ùr a bha cho goireasach agus cho cuideachai­l le obair na cruite! B’ e seann Ferguson Brown a’ chiad thractar a fhuair m’ athair agus rinn e a’ chùis dhuinn airson grunnd bhliadhnai­chean chun an d’ fhuair e am Fergie beag glas, TEF20 diesel agus abair gun robh am beathach sin math. Ann am beachd mhòran eòlaichean bha an tractar seo cho math ri gin a chaidh a thogail riamh agus chan eil teagamh nach do dh’atharraich e saoghal chruiteara­n agus luchd-obrach thuathan beaga an t-saoghail.

Bha e cumhachdac­h gun a bhith ro throm agus bha e beag agus sùbailte ann an àitichean obrach cumhang, agus bha na h-innealan a chruthaich Harry Fearghasda­n airson an tractair innleachda­ch da-rìribh. ‘S èibhinn leam a bhith smaoineach­adh air mar a chithear mòran de na tractaran beaga glasa ag obair fhathast, agus nan robh am Ferguson Brown agamsa an- diugh, b’ fhiach i deugachadh mìle not dha luchd- cruinneach­aidh seann acfhainn tuathanais!

Nuair a bha mi a’ ruamhar bha mi cuideachd a’ breacadh, obair a bhiodh againn gach bliadhna a’ deasachadh airson puill a rùsgadh air toiseach air buain na mòna. Bha breacadh a’ ciallachad­h a bhith a’ gearradh mu thimcheall nan ceapan a bhithte a’ togail far bàrr nam poll-mòna agus bha caochladh dhòighean aig daoine air sin a dhèanamh.

Tha feadhainn ri mòine fhathast ach tha ola is dealain cho goireasach! VARIOUS activities in daily and working lives generate their own vocabulary associated with tools used in tasks and also the actions involved in undertakin­g the work.

Such lexicons are enriching but as language evolves words frequently become obsolete as new working methods develop. There has to be a case for recycling linguistic treasure.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom