The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.ukh

AN RUD A CHÌ LEANABH, ‘s e nì leanabh! Bha dà thachartas bho chionn ghoirid a thug an seanfhacal air leth fìor seo nam chuimhne.

‘S fhada bho thuig mac an duine an cumhachd a bh’ aig foillseach­adh, agus thar iomadach bliadhna bha gnìomhacha­s an tombaca ealanta na chuid margaideac­hd, a’ cosnadh cumhachd agus fortain mhòra dhan fheadhainn a bha an sàs ann.

Ach bho chionn beagan bhliadhnai­chean tha luchd-iomairt air adhartas nach beag a dhèanamh nan oidhirp gus casg a chur air smocadh, agus anns a’ ghluasad as ùire feumaidh toitean a bhith air an tabhann anns an aon sheòrsa pacaid le rabhaidhea­n cruaidhe a thaobh cunnart slàinte. Deagh chomhairle an sin ma-tà. An tachartas eile a thog m’ aire ‘s e gun deach cuimhneach­ain Confederal­ach an leagail ann am baile New Orleans ann an Ameireagai­dh. Cha b’ ann gun spàirn a bhuadhaich ceannard a’ bhaile le seo, ach an dèidh còrr air dà cheud bliadhna tha ìomhaighea­n a bha a’ comharrach­adh tràilleala­chd agus fulang dhaoine dubha air a dhol à sealladh.

Abair cuirm ciùil shònraicht­e ann an Taigh- cluiche Cùirt Eden an Inbhir Nis Dihaoine seo chaidh is an còmhlan Skipinnish a’ cur a’ chlàir ùir aca air bhog gu h- oifigeil. Mealaibh bhur naidheachd fhearaibh, agus Raonaid Walker, airson feasgar a bha cho taitneach agus gach soirbheach­adh le The Seventh Wave (An Seachdamh Tonn).

Saoilidh mi gum bheil freumhan ciùil Skipinnish air am biathadh à dualchas na Gàidhlig agus na Gàidhealta­chd agus nach ann dhuinn uile a thigeadh a bhith moiteil à mar a tha ceòl Gàidhlig agus Gàidhealac­h air inbhe agus cliù eadar-nàiseanta a chosnadh thar nan deicheadan bhliadhnai­chean a chaidh.

Sàr luchd- ealain a’ sìor thogail air bunaitean a leag Runrig ceathrad ‘s a ceithir bliadhna air ais agus a tha iad fhèin air a ghleidhead­h cuideachd. Chan eil teagamh nach eil an seòrsa ciùil seo a’ cuideachad­h anns an iomairt gus suidheacha­dh na Gàidhlig a neartachad­h às ùr, agus tha gach foillseach­adh clàir agus gach cuirm anns am bheil an ceòl ri chluinntin­n na bhrosnacha­dh cudromach dhan chànan is dhan dualchas. Faodaidh mòran nach eil a’ cleachdadh a’ chànain a bhith air am misneachad­h tòiseachad­h ri sin a dhèanamh a-rithist, agus faodaidh cuideachd feadhainn eile a bhith air an tàladh gus an cànan ionnsachad­h.

‘S fhiach aithneacha­dh a’ mhargaidea­chd air leth luachmhor a tha an luchd-ciùil sin uile a’ dèanamh dhan chànan, agus an cothrom sònraichte a th’ aca cur ri inbhe an dualchais le bhith a’ cleachdadh beagan Gàidhlig air na h-àird- ùrlair. THE YOUNG OF ALL species learn from the example of adults so the standardis­ation of tobacco packaging in the UK is a welcome step towards discouragi­ng smoking and preventing costly illness. In America, the removal of New Orleans’ Confederat­e memorials signifying white supremacy and a belief in slavery, deliver an equally significan­t and welcome message.

Congratula­tions to Skipinnish on the launch of its latest album The Seventh

Wave, and for its positive promotion of Gaelic language and culture.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom