The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

MÒD IONADAIL SOIRBHEACH­AIL eile seachad. Thàinig a’ chlann nan dròbhan gu Mòd Ionadail Inbhir Nis air an deireadh seachdain seo chaidh, agus ged nach robh uimhir de dh’ i nb hi cha’ ga bhailpài rt is a bum ha th le luchd-deasachaid­h na cuirme, bha na h-uile ag aontachadh gur e fìor dheagh fhèis abh’ ann. Mar isàbhai st‘ si a’ cheist a bu chudromaic­he ciamar a bha ìre na Gàidhlig a chuala britheamha­n, agus a rèir aithris bhuapa agus bhon luchdèiste­achd, bha cùisean misneachai­l agus nach math an naidheachd sin.

Chuala mi fhìn cuid a bha fìor mhath, fileanta agus siùbhlach nan cuid còmhraidh agus le stòr fhaclan farsaing, nan deagh theisteana­s air anf head ha inn at ha gan tea gasg.B’ e deagh fhoillseac­hadh eile a bha seo air cànan agus dualchas nan Gàidheal agus gun teagamh chuir e ri ìomhaigh agus inbhe na Gàidhlig mar a tha na Mòdan ionadail agus nàiseanta a’ dèanamh gach bliadhna.

Nuair a dh’fhalbh an taigh-cèilidh chailleadh colaiste nam bailtean! Sin mar a chuir fear à Leòdhas a bheachd an cèill dhomh iomadh bliadhna air ais, agus chan eil teagamh nach eil an saoghal againn nas bochda is cothroman gus dualchas agus eòlas a shùghadh bho na ginealaich­ean as sine mòran nas tearca na bha.

Tha sinn fortanach gum bheil seirbheis rèidio agus telebhisea­n againn a tha a’ coileanadh cuid den dleastanas sin ach a dh’aindeoin ealantas nan seirbheise­an sin, tha gainnead maoin gan cuingealac­hadh. Bha mi a’ leughadh pìos a sgrìobh eòlaiche-foghlaim mu cho cudromach ‘s a tha ealain ann an oideachadh agus e ag argamaid nach fhaodar gearradh air ais air na seirbheise­an sin ged a tha ionmhas poblach teann. Thug sin orm smaoineach­adh air ais air mo làithean bun-sgoile fhìn agus cho beag ‘s a chuala sinn an sin mu dhualchas neo gu dearbh cànan agus thuig mi às ùr cho prìseil ‘s a bha neart na Gàidhlig anns a’ choimhears­nachd san robh mi a’ fàs suas. Far nach eil sluagh ga bruidhinn gu làitheil cha tèid aig cànan sam bith air fàs agus ùrachadh agus ged a tha sgoiltean a’ dèanamh obair ionmholta a’ teagasg na Gàidhlig dha cloinn, tha a’ mhòr-chuid aca ag ionndrainn cothrom èisteachd agus cleachdaid­h taobh a-muigh na sgoile, gun iomradh air an eòlas agus am fiosrachad­h bho dhaoine nas sine.

Ged a tha sinn a’ dèanamh adhartas ann an iomadach seagh a thaobh ath-bheothacha­dh na Gàidhlig, feumar aideachadh gum bheil dùbhlain mhòr romhainn fhathast agus ged a tha fuasgladh air na cnapan-starra sin gu ìre an urra ri ionmhas, tha am prìomh fhreagairt ann an cumhachd shluagh na Gàidhlig fhèin. Tha an abairt ‘cleachd i neo caill i’ ‘s dòcha nas fhìor an-diugh na bha riamh! AS ANOTHER successful provincial Mòd closed in Inverness, I noted a leading educationa­list’s argument that the arts should be protected from curriculum cuts and I recalled the elderly Gael who told me that when the ceilidh house tradition ceased, the villages lost their colleges.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom