Beachd Ailein

The Oban Times - - Letters - AL­LAN CAMP­BELL ailean@oban­times.co.uk Ailean Caim­beul (Al­lan Camp­bell) ailean@oban­times.co.uk

THA MI ’N DÒCHAS gun do chuir beachd an Do­tair Waleed Khan, ann an Inbhir Nis, mun chron a tha an crei­deamh Mus­la­mach a’ fu­lang ri linn obair- cean­nairce Isis smaointinn air mòran. A dh’ain­deoin buaidh brùide­alachd oill­teil nan ionn­saighean a tha a’ gab­hail àite air mòr-shlu­agh dhùthchan­nan feadh an t- saoghail, ‘s iad Mus­la­maich as motha a tha a’ call nu­air a tha sgrios agus marb­hadh ga dhèanamh an ainm an cuid crei­deimh le daoine a tha, am beachd an do­tair, “tinn nan in­ntinn”. Ged a tha cean­nair­cich a’ leigeil orra a bhith a’ strì an ainm Al­lah chan eil an cuid gh­nìomh a rèir tea­gasg a’ chrei­dimh agus tha Mus­la­maich sgìth de bhith ag iar­raidh leis­geul air­son eu­coir dhaoine nach buin dhaibh. Dh’iar­radh an Do­tair Khan bar­rachd fios­rachaidh mun chrei­deamh Is­la­mach a bhith air a thea­gasg gus co- obrachadh eadar chrei­deamhan a leu­dachadh agus cuideachd gus tu­il­leadh cron den t-seòrsa a tha a’ tachairt a bha­cadh. Saoilidh mi nach eil duine ceart sam bith nach aon­taic­headh ri bar­rachd tu­igse agus co- obrachaidh am measg a’ mhòr-shlu­aigh agus gu sòn­raichte glu­asad sam bith a tha dol a chur ri tèarain­teachd, saorsa, agus sìth.

‘S e cu­s­pair bea­gan eadar- dhealaichte a th’ ann ach nach eil sinne mar Ghàid­heil glè eòlach air ionn­saighean faoin, ach goirt, air ar cuid cà­nain is du­alchais gach dàrna latha anns na mead­hanan. Chan eil teagamh agam fhìn nach e gu ìre nà­dar bur­raid­heachd a th’ air cùl mòran den sin is fead­hainn a’ feuchainn air mion- choim­hearsnachd le fios nach tèid aice air cus a dhèanamh gus i fhèin a dhìon. Bha dòchas ann gun cuireadh Cairt nam Mion- chà­nanan Eòr­pach stad air lei­thid sin de gheur-lean­mhainn ach tha e fol­laiseach nach tèid aig mion- bhuid­heann sam bith air bur­raid­heachd bho chuid de bhuill a’ mhòr- choim­hearsnachd a sheach­nadh.

Bidh mi aig aman­nan a’ cuimh­neachadh air cla­saichean feall­sanachd beusach anns an oilth­igh, agus gu sòn­raichte an leab­har The So­cial Con­tract aig an fheall­sanaiche Eilb­heiseach Jean-Jacques Rousseau. Bha Rousseau soilleir na bheachd nach robh cumhachd a’ buileachadh chòraichean, agus nach fheumadh an slu­agh gèil­leadh ach ri laghan reu­santa a-mhàin. Cha robh buaidh air slu­agh a’ toirt còir dha stàit tràil­lean a dhèanamh dhi­ubh. Nam aiste air a’ chu­s­pair tha cuimhn’ agam gun tuirt mi nach robh e gu dio­far co- dhiù a bha duine a’ crei­dsinn gun tàinig an cinne- daonna gu bith a rèir aithris a’ Bhìobaill neo a rèir Dar­win, bha a h-uile neach co-io­nann is cha ghab­hadh còir tràil­leachd a bhith ann. Tha mi fhathast den aon bheachd! IN­VER­NESS-BASED doc­tor Wa­heed Khan de­serves sup­port for his cam­paign for more ed­u­ca­tion about Is­lam in or­der to de­velop greater in­ter-faith co- oper­a­tion and un­der­stand­ing.

When ter­ror­ists adopt a faith to at­tempt to jus­tify their ac­tions the gen­uine fol­low­ers of that faith can lose mas­sively. But ter­ror­ism must never win!

As the Swiss philoso­pher JeanJac­ques Rousseau wrote, ‘One man thinks him­self the mas­ter of oth­ers, but re­mains more of a slave than they are.’

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.