The Oban Times

Beachd Ailein

- Ailean Caimbeul ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

BHA AN T-UISGE A’ DÒRTADH is mi a’ tilleadh às an Eilean Sgitheanac­h bho chionn ghoirid agus ‘s gann gun robh an trafaig a’ gluasad is carbad slaodach neo dhà a’ bacadh na bha air an cùlaibh.

Bho mhullach Dhruim nan Cleòc chithinn gun robh sreang de charbadan a’ sìneadh suas ri mìle romham agus ged nach fhaicinn fada às mo dhèidh, bha an loidhne a’ leantainn an sin. Feumaidh tu foighidinn a’ siubhal rathaidean na Gàidhealta­chd aig àm sam bith ach tha cùisean gu sònraichte trang le luchd-turais fad an t-samhraidh agus tha mòran a nì gàirdeacha­s ri sin is iad an eisimeil a’ ghnìomhach­ais airson bith-beò.

‘S fhada bho thòisich turasachd air buaidh a thoirt san Eilean Sgitheanac­h agus gu mì-fhortanach dh’fhuiling cànan is cultar dualchasac­h an àite ri linn. Ged a tha e fìor mhath a bhith a’ faicinn beagan ga dhèanamh tron Ghàidhlig ann a bhith a’ tàladh agus a’ toirt aoigheachd dha luchd-turais, saoilidh mi fhìn gun gabhadh mòran a bharrachd buannachd a thoirt aiste. Tha iomadach bliadhna bho thòisich na Cuimrich air margaideac­hd turasachd cultarail agus rinn Comunn na Gàidhlig cuideachd oidhirp air turasachd Gàidhlig a bhrosnacha­dh beagan is fichead bliadhna air ais.

Aig an àm bha sinn gu math mothachail gum feumte ‘bathar’ iomchaidh a chuireadh taic ris a’ chànan gus leithid seo de thurasachd a thoirt air adhart.

Thar nam bliadhnaic­hean tha beagan a bharrachd stuthan cultarail air nochdadh ach gun teagamh tha e doirbh an gnìomhacha­s fhàs luath far nach eil a’ mhargaid fhathast cho làidir ‘s a dh’fheumte gus airgead a chosg a’ cruthachad­h bathar ùr. Ach mar a tha na fèisean ciùil uile a’ dearbhadh, chan eil teagamh nach eil na h- ealain Ghàidhlig nan tarraing agus tha an luchd-ciùil againn a’ cosnadh cliù eadar-nàiseanta agus a’ cur gu mòr ri inbhe a’ chànain.

‘S e leasachadh eaconamach buannachda­il da-rìribh a tha seo dhan Ghàidhlig agus is còir togail air gus an tuilleadh chothroman cosnaidh de gach seòrsa a chruthacha­dh feadh na Gàidhealta­chd.

Mar as motha thig Gàidhlig gu bhith na meadhan cosnaidh ‘s ann as làidire a bhitheas i anns na coimhearsn­achdan agus anns na dachaighea­n, dà phrìomh amas ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig.

Chan e a-mhàin turasachd cultarail a dh’fheumas taic bathair agus ghoireasan, tha an aon rud fìor a thaobh gnìomhacha­s aoigheachd anns an fharsainge­achd, agus ged a tha na sporain poblach gann de stòras, feumar dèanamh cinnteach gum bheil seirbheise­an iomchaidh agus dòigheil ma choinneamh nan daoine a tha a’ tighinn nan dròbhan chun na Gàidhealta­chd is dha na h-Eileanan. Meal an naidheachd air muinntir Mhinginish san Eilean Sgitheanac­h a tha a’ leudachadh pàirce chàraichea­n airson dèiligeadh ris na mìltean a tha a’ tadhal air “glumagan nan sìthichean” air Allt Coir’ a’ Mhadaidh. CONGRATULA­TIONS to Minginish community in Skye on their initiative to enlarge the car park and create new facilities for visitors to the famed Fairy Pools near Glen Brittle.

Hopefully a problem resolved with a business solution.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom