Beachd Ailein
NUAIR A BHIOS NA MÌLTEAN a’ cruinneachadh aig Fèill Àiteachais an Eilein Duibh an-diugh ‘s neònach mur a bi co-dhiù cuid a’ ceasnachadh dè an seòrsa uidheamachd air am bu chòir dhaibh a bhith ag amas airson obair-tuatha neo cruite anns na bliadhnaichean air toiseach. Agus am bi gin dhiubh sin a’ ruith air dealain?
Tuigear carson a tha luchd-iomairt dìon na h-àrainneachd a’ strì gus cleachdaidhean an t-saoghail atharrachadh agus lùghdachadh a thoirt air truailleadh cheimigeach de gach seòrsa, agus chan eil teagamh nach eil einnseanan dìosail agus peatrail a’ cur ris an trioblaid. Ach am bheil an dùthaich seo gu bhith deiseil ann an trì bliadhna fichead gus làn-chasg a chur air càraichean agus bhanaichean ùra a bhios a’ ruith air na connaidhean sin?
Chan e ùine fhada a th’ ann an trì bliadhna fichead idir, agus gu dearbha chithear iomadach carbad air na rathaidean againn gach latha a tha nas sine na sin, is anns an t-seadh sin tha co-dhùnadh an Riaghaltais dol a thoirt buaidh air luchd-ceannach chàraichean agus bhanaichean gu math luath. Tha cuid a’ cumail a-mach gum bheil teicneòlas charbadan dealain air a bhith comasach bho chionn fhada ach gun robh companaidhean ola ga chumail air ais fhad ‘s a bha fortan ri chosnadh à ola, agus aon uair ‘s gun tigeadh gainnead ola neo riaghladh na h-aghaidh gun leigeadh iad cumhachd dealain air adhart.
‘S dòcha nach robh bunait sam bith aig na beachdan sin agus gum bheil slighe mhòr fhathast a dh’ionnsaigh innealachd dealain a ghabhas àite einnseanan dìosail is peatrail. Chan eil teagamh nach eil an t-uamhas obair-deisealachaidh ri dhèanamh ged nach biodh ann ach na dh’fheumar de ghoireasan far an gabh dealain a chur dha na carbadan ùra sin. Ged a tha eisimpleirean againn mar-thà de chàraichean a’ ruith air dealain agus peatrail chan eil iad air cus buaidh a thoirt saoilidh mi, agus ged a dh’fhaodadh carbad le comas ceud gu leth mìle a shiubhal air aon lìonadh cumhachd a bhith freagarrach gu leòr ann am baile-mòr, cha bhiodh sin gu mòran feum airson siubhal astaran fada na Gàidhealtachd.
‘S e deagh amas a th’ aig an Riaghaltas agus chuireamaid uile fàilte air àrainneachd nas glainne agus nas sàmhache a thigeadh an lùib seo, ach tha iomadh dùbhlan ri fhreagairt agus gu cinnteach feumaidh smachd air cumhachd chompanaidhean reice dealain a bhith àrd air an liosta sin. SOME CONSERVATIONISTS would prefer quicker action but the government decision to ban the sale of new diesel- and petrol-engined cars and vans by 2040 is a bold step. It is also a proposal that will influence purchasing decisions relatively soon, and there are major challenges to be resolved, not least for charging facilities and mileage capability in these new vehicles, particularly outwith urban areas. We must also pre-empt any new form of fuel-poverty as personal transport control moves to energy suppliers who have hitherto proved grasping. Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk