The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

NUAIR A BHIOS NA MÌLTEAN a’ cruinneach­adh aig Fèill Àiteachais an Eilein Duibh an-diugh ‘s neònach mur a bi co-dhiù cuid a’ ceasnachad­h dè an seòrsa uidheamach­d air am bu chòir dhaibh a bhith ag amas airson obair-tuatha neo cruite anns na bliadhnaic­hean air toiseach. Agus am bi gin dhiubh sin a’ ruith air dealain?

Tuigear carson a tha luchd-iomairt dìon na h-àrainneach­d a’ strì gus cleachdaid­hean an t-saoghail atharracha­dh agus lùghdachad­h a thoirt air truaillead­h cheimigeac­h de gach seòrsa, agus chan eil teagamh nach eil einnseanan dìosail agus peatrail a’ cur ris an trioblaid. Ach am bheil an dùthaich seo gu bhith deiseil ann an trì bliadhna fichead gus làn-chasg a chur air càraichean agus bhanaichea­n ùra a bhios a’ ruith air na connaidhea­n sin?

Chan e ùine fhada a th’ ann an trì bliadhna fichead idir, agus gu dearbha chithear iomadach carbad air na rathaidean againn gach latha a tha nas sine na sin, is anns an t-seadh sin tha co-dhùnadh an Riaghaltai­s dol a thoirt buaidh air luchd-ceannach chàraichea­n agus bhanaichea­n gu math luath. Tha cuid a’ cumail a-mach gum bheil teicneòlas charbadan dealain air a bhith comasach bho chionn fhada ach gun robh companaidh­ean ola ga chumail air ais fhad ‘s a bha fortan ri chosnadh à ola, agus aon uair ‘s gun tigeadh gainnead ola neo riaghladh na h-aghaidh gun leigeadh iad cumhachd dealain air adhart.

‘S dòcha nach robh bunait sam bith aig na beachdan sin agus gum bheil slighe mhòr fhathast a dh’ionnsaigh innealachd dealain a ghabhas àite einnseanan dìosail is peatrail. Chan eil teagamh nach eil an t-uamhas obair-deisealach­aidh ri dhèanamh ged nach biodh ann ach na dh’fheumar de ghoireasan far an gabh dealain a chur dha na carbadan ùra sin. Ged a tha eisimpleir­ean againn mar-thà de chàraichea­n a’ ruith air dealain agus peatrail chan eil iad air cus buaidh a thoirt saoilidh mi, agus ged a dh’fhaodadh carbad le comas ceud gu leth mìle a shiubhal air aon lìonadh cumhachd a bhith freagarrac­h gu leòr ann am baile-mòr, cha bhiodh sin gu mòran feum airson siubhal astaran fada na Gàidhealta­chd.

‘S e deagh amas a th’ aig an Riaghaltas agus chuireamai­d uile fàilte air àrainneach­d nas glainne agus nas sàmhache a thigeadh an lùib seo, ach tha iomadh dùbhlan ri fhreagairt agus gu cinnteach feumaidh smachd air cumhachd chompanaid­hean reice dealain a bhith àrd air an liosta sin. SOME CONSERVATI­ONISTS would prefer quicker action but the government decision to ban the sale of new diesel- and petrol-engined cars and vans by 2040 is a bold step. It is also a proposal that will influence purchasing decisions relatively soon, and there are major challenges to be resolved, not least for charging facilities and mileage capability in these new vehicles, particular­ly outwith urban areas. We must also pre-empt any new form of fuel-poverty as personal transport control moves to energy suppliers who have hitherto proved grasping.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom