The Oban Times

DIOPLÒMA ANNS NA MEADHANAN GÀIDHLIG

-

Anns a’ chùrsa seo, gheibh thu cothrom air caochladh sgilean sna meadhanan a leasachadh a tha riatanach airson dreuchd fhaighinn sa ghnìomhach­as. Neartaichi­dh tu na sgilean sgrìobhaid­h is labhairt agad sa Ghàidhlig le bhith stèidhicht­e an dà chuid aig a’ Cholaiste agus anns an àite-obrach. Gheibh thu taic is cuideachad­h bho eòlaichean craolaidh aig a bheil eòlas ioma-cuspaireil agus cothrom air na goireasan craolaidh aig Sabhal Mòr Ostaig a chleachdad­h.

Tha an cùrsa làn-ùine thar dà bhliadhna, leis a’ chiad bhliadhna stèidhicht­e aig a’ Cholaiste, agus an uair sin cuiridh an luchd-trèanaidh 10 mìosan seachad air greis-obrach cuide ri craoladair stèidhicht­e no companaidh riochdacha­idh neo-eisimeilea­ch. Tha ìre fastaidh fìor àrd aig luchd-ceuma an Dioplòma, le còrr is 70% a rinn a’ chùrsa seo a-nis a’ dèanamh am beòshlaint anns a’ ghnìomhach­ais.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom