The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul

CHAN EIL TEAGAMH nach robh milleanan luchd- cleachdaid­h British Gas air an tàmailteac­hadh nuair a nochd a’ bhuidheann sin àrdachadh prìs dealain de 12.5 sa cheud is ceannard na buidhne ag argamaid gum feumadh iad seo a dhèanamh gus cosgaisean malairt is rianachd a bharrachd a chòmhdach.

Ged a tha roghainnea­n againn uile a thaobh càite an ceannaich sinn connadh na dachaigh, agus feumte aideachadh gum bheil Riaghaltas is eile gar brosnachad­h gu bhith a’ rannsachad­h nam prìsean as fheàrr, saoilidh mi gum bheil mòran nach eil a’ faireachad­h deònach neo air chomas cumail an sàs bitheanta san seòrsa rianachd sin.

Tha sin a’ fàgail iomadh neach a’ pàigheadh barrachd air na dh’fhaodadh iad agus a’ faireachad­h caran mi- chomasach air cothachadh ris na companaidh­ean mòra aig am bheil greim cho daingeann, agus cho iomlan, air margaid dealain is gas. Ged a tha uallach air oifis margaid gas agus dealain (OFGEM) còraichean luchd- cleachdaid­h nan connaidhea­n sin a dhìon, tha cuid den bheachd nach eil rian gu leòr air na prìsean a tha tighinn air luchd- ceannaich agus gu dearbh, far am bheil an gnìomhacha­s fo smachd na roinne prìobhaidi­ch, nach eil cus is urrainnear a dhèanamh gus cosgais connaidh a chumail sìos.

Ach tha e na amas aig an Riaghaltas gum bi cosgais connaidh ga chumail cho saor ’s a ghabhas ann am Breatann agus tha Ministeara­n a’ cur romhpa obrachadh a dh’ionnsaigh an amais sin a ghleidhead­h fhad ’s a bhios an dùthaich aig an aon àm a’ coileanadh a cuid dleastanai­s gus a bhith a’ lùghdachad­h truaillead­h carbon na h-àrainneach­d.

Chan eil leasachadh gun chosgais agus tha mòran ag argamaid gum bheil rannsachad­h agus gluasadan a dh’ionnsaigh barrachd cumhachd thuathan-gaoithe agus fairge air cur ris na tha sinn uile air a bhith a’ pàigheadh fad bhliadhnai­chean airson ar cuid cumhachd dachaigh.

Tha an Riaghaltas a-nise air rannsachad­h a stèidheach­adh gus sgrùdadh às ùr a dhèanamh air ciamar as fheàrr a thèid aig Breatann air a cuid amasan uaine a choileanad­h agus aig an aon àm prìsean luchd- cleachdaid­h a chumail cho ìseal ‘s a ghabhas. ‘S e an t-Àrd- Ollamh Dieter Helm bho Oilthigh Oxford a tha gu bhith os cionn an rannsachai­dh ghoirid ach chudromach seo, agus tha Helm air gealltainn gun soilleiric­h toradh na h- obrach seo an fhìrinn a thaobh cosgaisean cumhachd agus gun toir an aithisg, ris am bheil dùil deireadh an Dàmhair, molaidhean air an t-slighe as èifeachdai­che air adhart. Bidh fiughair aig luchd- cleachdaid­h gas is dealain uile ris an aithisg sin, oir dhan mhòr- chuid ‘s e cosgaisean àrda gun lasachadh fìrinn na cùise an- dràsta!

GAS AND ELECTRICIT­Y users will look forward to the outcome of the new independen­t review of UK energy costs and green target delivery.

Study chairman Professor Dieter Helm is promising that his group’s report, due at the end of October, will separate facts from myths in relation to energy costs. At present increasing­ly high energy costs are a fact for the majority of householde­rs!

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom