The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk Ailean Caimbeul Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

‘S NEÒNACH MURA ROBH cuid agaibhse mar mi fhìn a fhuair mòran tlachd a bhith a’ leantainn Farpais Lùth- chleasachd an t- Saoghail air telebhisea­n thar an t-seachdain seo chaidh. Dhearbh gach farpaiseac­h toradh an cuid spàirn thar bhliadhnai­chean ag obrachadh suas chun na h-ìre seo de dh’fharpais.

Chan urrainn ach aon neach buannachad­h ann am farpais agus tha sin a’ ciallachad­h briseadh-dùil agus briseadh spioraid dha cuid, mar a chunnaic sinn às ùr anns an fharpais mhòr seo cuideachd.

Ach an robh duine agaibhse a’ faireachad­h gun robh saoghal agus feumalachd­an chraoladai­rean an cunnart cus buaidh a thoirt air an fharpais seo?

Tha sinn cho eòlach air a’ phàtran a th’ aig prògraman telebhisei­n le cathraiche agus sgioba de dh’eòlaichean ann an stiùidio a’ breithneac­hadh agus a’ fàid head ai reach d air suidheach aid hean de gach seòrsa. Nuair a thig toradh an tachartais co- dhiù tha iad air a bhith ceart neo ceàrr tha tuilleadh còmhraidh ma dheidhinn! Ach ‘s e bha gam fhàgail fhìn beagan tàmailteac­h dha na farpaisich san deuchainn seo gun robh dùil riutha agallamh a dhèanamh cha mhòr sa bhad a bha iad air an fharpais a chrìochnac­hadh, agus glè thric ceist ga chur air feadhainn mu carson a chaill iad!

Tha a’ mhòr- chuid de chleasaich­ean a’ dèanamh farpais leotha fhèin, ag obrachadh daonnan gus an cuid ealantais a leasachadh gu ìre nas àirde, agus tha fhios is cinnt gum bheil a h-uile farpaiseac­h ann an leithid Farpais Lùth- chleasachd an t- Saoghail gu bhith a’ feuchainn ris an toradh as fheàrr a bhuinnig.

Nuair nach do thachair sin dha feadhainn aca cha b’ iongnadh iad a bhith tàmailteac­h agus fiù ’s cuid brònach, agus bha mi fhìn a’ faireachad­h gun robh stiùiriche a’ phrògraim telebhisei­n gun fhaireacha­dh agus ceàrr camara a chumail air aon bhoireanna­ch fad còrr air mionaid is i gu follaiseac­h a’ rànaich le briseadh- dùil air mar nach deachaidh dhi.

Leis gum bheil na meadhanan a’ cruthachad­h tòrr den dùil a tha ga chur an urra ri farpaisich chanadh cuid gum bheil e ladarna dhaibh an uairsin na daoine sin a cheasnacha­dh fa chomhair an t-saoghail a thaobh carson nach do choilean iad na bha eòlaich a’ sùileachad­h bhuapa. Chuir eòlaichean amas eadar sia is ochd bonn fa chomhair Bhreatainn agus Èirinn a Tuath san fharpais seo, ach cha b’ e dìth spàirn a dh’adhbharaic­h mar a d’fhuair iad am miann.

Ghabh sinn beannachd le Mo Farah agus Usain Bolt bho fharpaisea­n aig an ìre seo, agus theagamh gun robh mar a thachair anns na rèisean acasan na dhearbhadh gun robh còir aca sgur na bu tràithe? WHILE I enjoyed the television coverage of the World Athletics Championsh­ips very much, I felt some of the production to be overly intrusive of competitor­s.

We all fail on occasion but fortunatel­y we don’t have to explain our shortcomin­gs to millions of television viewers as some athletes were required to do.

And to hold one obviously distressed competitor in vision for about a minute was, to my mind, totally unnecessar­y.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom